Sgilean sgrìobhaidh ann an Cearcall a' Chuain

Stoidhle

Chaidh Cearcall a' Chuain a sgrìobhadh mar òran. Chlàr Runrig e le ceòl-taic organ agus druma beus.

Tha stoidhle a' phìos seo san nòs ùr agus tha mòran ìomhaigheachd a' nochdadh ann. Ach, ged a tha mòran ìomhaigheachd ann, gabhaidh ciall na bàrdachd a thuigsinn gu luath. Leis gu bheil an t-òran ag amas air luchd-èisteachd seach luchd-leughaidh sa chiad dol-a-mach, tha e cudromach gum bi am pìos ceòlmhor agus ruigsinneach.

Structar

Bhon as e òran a tha seo, tha na rannan uile an aon fhaid agus tha sin cudromach airson 's gun obraich a' bhàrdachd leis an fhonn a tha a' dol leatha. Tha ochd loidhnichean anns gach rann agus mu sheachd lidean anns gach loidhne.

Gu neo-àbhaisteach, chan eil sèist anns an òran seo, agus 's e dearbhadh a bharrachd a tha seo gu bheil am pìos san nòs ùr, leis nach eil na Dòmhnallaich a' cumail ri structar traidiseanta òrain.

Fuaim agus ruitheam

Tha ruitheam gu math socair sa phìos seo. Tha seo a' cur ris an ìomhaigheachd a tha aig teis-meadhan na bàrdachd: an cuan agus seòladh. Dh'fhaodar a ràdh gu bheil an ruitheam fhèin a' riochdachadh gluasad na mara: tha na sreathan a' dol air ais 's air adhart gu cunbhalach, mar shluaisreadh nan tonn air an tràigh.

Tòna

Tha tòna a' phìos socair agus meòrachail. Leis gu bheil a' bhàrdachd a' togail air smuaintean domhainn agus feallsanachd beatha, tha e a cudromach gun toir an tòna air an luchd-èisteachd an aon rud a dhèanamh.

Cànan agus ìomhaigheachd

Tha ìomhaigheachd aig cridhe na bàrdachd seo, gu h-àraidh ìomhaigheachd mara, seòlaidh agus cànan co-cheangailte ri nàdar:

Air chall an grèim na mara

'S e ìomhaigheachd leantainneach a tha seo agus tha na bàird ga cleachdadh airson na beachdan aca air cuairt-bheatha a chur an cèill.

Tha ath-aithris agus liostaichean de dh'fhaclan a' nochdadh sa phìos.

Tha i fiadhaich, tha i farsainn

Tha na liostaichean a' cur ri teachdaireachd a' phìos: gur e rud mòr agus mìorbhaileach a th' anns a' chuan, agus leis a sin, ar beatha.