Teicneòlas cogaidh

Bha a' chuid bu mhotha dhen t-sabaid sa Chogadh Mhòr sna trainnsichean. B' e an t-adhbhar airson sin mar a dh'atharraich teicneòlas bhall-airm agus armailteachd. Anns a' Chiad Chogadh Mòr thug an ìre leasachaidh buannachd dhan arm a bha a' dìon. Bha buill-airm airson dìon, mar na gunnachan, gu math na b' fheàrr na buill-airm airson ionnsaigh mar raidhfilean agus beugaileidean.

Mar a chaidh an cogadh air adhart, thàinig buill-airm ùra a-steach mar an gas puinnseanta agus tancaichean airson feuchainn ri briseadh a thoirt air closadh cogadh nan trainnsichean.

Cha robh sìobhaltaich idir sàbhailte bho adhartas ann an teicneòlas armailteach. Chleachd a' Ghearmailt plèanaichean ùra, Zeppelins, airson bailtean ann am Breatainn a bhomadh. Bha a' Ghearmailt ag amas air bàta sam bith, às an Cabhlach Rìoghail no às an Cabhlach Mharsantach, a chur fodha le bhith a' cleachdadh bhàtaichean-aigil, no U-boats.

Gunna mòr

Loisgeadh am ball-airm seo suas ri 600 urchair sa mhionaid. Bha e uabhasach trom agus dh'fheumadh e triùir fhireannach airson obrachadh. Bha e air a chleachdadh airson dìon. Airson fuireach beò ma bha na gunnachan seo a' losgadh, bha trainnsichean riatanach.

Làmhachas

'S e gunnachan mòra, trom a th' ann an làmhachas agus bidh iad a' spùtadh a-mach urchraichean mòra gus nas urrainn de mhilleadh a dhèanamh air daingneachdan an nàmhaid mar trainnsichean, tuill agus uèir bhiorach. Anns A' Chiad Chogadh Mòr cha bhiodh na saighdearan idir a' dèanamh thrainnsichean ann an loidhne dhìreach airson nach biodh uiread de bhuaidh aig an spreadhadh.

Bhiodh cuid dhe na fir a' fulang seòrsa de thinneas inntinn air an robh shell shock no "tinneas nan sligean" air sgàth 's an fhuaim uabhasach a bh' ann fad na h-ùine agus an t-eagal a bh' orra gum buaileadh slige annta agus gun deigheadh am marbhadh. Dh'adhbhraich làmhachas còrr is 60% dhe na bàsan air a' bhlàr sa Chiad Chogadh Mòr.

Gas

B' ann sa chogadh seo cuideachd a chaidh gas clòrain agus mustard a chleachdadh airson a' chiad uair. B' e Arm na Gearmailt a chleachd clòrain an toiseach ann an 1915 aig Ypres. Nuair a bha na saighdearan ga thoirt a-steach air an anail, bha e a' losgadh nan sgamhan aca. A dh'aindeoin 's cho dona 's a bha a' bhuaidh aige, cha robh an gas na bhall-airm èifeachdach. Dh'fheumadh gaoth shocair a bhith ann, ach dh'fhaodadh a' ghaoth atharrachadh agus an gas a shèideadh air ais an taobh bhon tàinig e. Chaidh rudan mar masgaichean-gas a dhèanamh gu math luath gus nach biodh uiread de bhuaidh aig a' ghas.