Toiseach a’ Chiad Chogaidh ghabh mòran an Alba dhan arm is dùil nach biodh an cogadh fada. Bha iad sna trainnsichean air an Aghaidh an Iar is bhàsaich mòran sna prìomh bhlàir.
Chùm gunnaichean mòra nam Breatannach a' toirt pronnadh le làmhachas air loidhneachan an nàmhaid fad còig latha. Bha e an dòchas cur às do uèir bhiorach nan Gearmailteach, na trainnsichean aca a sgrios agus an luchd-dìon a mharbhadh. Ach 's e thachair gun robh gunnairean nan Gearmailteach a-mach às na fasgaidhean aca, agus deiseil airson losgadh, taobh a-staigh dà mhionaid dhen ionnsaigh làmhachais sgur.
Thòisich am blàr air 1 Iuchar 1916 agus an latha sin rinneadh an call bu mhotha riamh air Arm Bhreatainn – bha 19,200 marbh agus 40,000 air an leòn no air chall. Chaidh a' mhòr-chuid a mharbhadh sa chiad ceud meatair de no man's land.
Thathar ag ràdh gun robh Blàr an Somme mar chladh dha na batailianan a thogadh air feadh Alba deireadh an t-samhraidh ann an 1914. Ann am Blàr an Somme chaidh còrr is 500 a mharbhadh dhen 16mh Batailian de Shaighdearan-coise na Gàidhealtachd (Batailian Braigèid nan Gillean) agus chaidh 75% de Bhatailian MhicRath (Cridheachan) dhe na h-Albannaich Rìoghail a mharbhadh.
Chaidh 400,000 saighdear Breatannach gu lèir às an rathad aig an Somme, ach chaill na Gearmailtich an aon àireamh cha mhòr. B' ann an dèidh làimhe a thàinig e am follais gun tug Blàr an Somme briseadh air arm na Gearmailt air an Aghaidh an Iar.