Blàr Loos

Thòisich Blàr Loos san t-Sultain 1915. B' e sin a' chiad turas a chaidh na feachdan saor-thoileach aig Kitchener a chleachdadh ann an ionnsaigh mhòr. Bha 35,000 Albannach an sàs sa bhlàr, agus b' e sin a' chiad turas a chleachd arm Bhreatainn gas puinnseanta mar bhall-airm.

Saighdearan Breatannach ann an trainnse aig Blàr Loos, 1918
Saighdearan Breatannach ann an trainnse aig Blàr Loos, 1918

'S e glè bheag de dhìon a bh' aig na saighdearan a bha a' dol a thoirt ionnsaigh, agus mar sin bhiodh iad follaiseach dha na gunnairean Gearmailteach. Mar sin leag gunnaichean nan Gearmailteach na mìltean.

Bha batailianan às a h-uile rèisimeid à Alba a' sabaid ann am Blàr Loos agus chaidh an t-uabhas a mharbhadh. Chaidh 21,000 a mharbhadh le còrr is 7,000 à Alba. Thug an call ann an Loos buaidh air cha mhòr gach baile ann an Alba.