A' beachdachadh air sgeulachd ghoirid

Cùl-fhiosrachadh

Nuair a tha thu a' sgrùdadh sgeulachd ghoirid, tha e cudromach gum bi beachd agad air cùl-fhiosrachadh a' phìos. Tha e feumail ionnsachadh mu bheatha an sgrìobhadair agus cuin a bha iad a' sgrìobhadh oir, uaireannan, bheir seo beachd dhut air na cuspairean agus teachdaireachdan a tha a' nochdadh san sgeulachd. Dèan rannsachadh air suidheachadh na sgeulachd, mar eisimpleir cuin a tha an sgeulachd a' tachairt is far a bheil i suidhichte. Cuiridh am fiosrachadh seo ris an tuigse agus an sgrùdadh a nì thu air an sgeulachd.

A' dèanamh ciall den sgeulachd

Mus tòisich thu air geur sgrùdadh na sgeulachd, feumaidh tu a tuigsinn aig ìre litireil. Bu chòir dhut faclair a chleachdadh airson faclan is gnàthasan-cainnt ùra a thuigsinn. Dh'fhaodadh gum biodh e feumail dhut notaichean a dhèanamh mu fhaclan is abairtean ùra gus am bi iad agad nuair a nì thu sgrùdadh.

Sgrùdadh

Nuair a tha thu a' tuigsinn na sgeulachd aig ìre litireil, tha thu deiseil airson sgrùdadh a dhèanamh air na sgilean sgrìobhaidh agus na cuspairean a tha a' nochdadh san sgeulachd. Bhiodh e feumail dathan diofraichte a chur air na sgilean sgrìobhaidh fa leth a tha a' nochdadh san sgeulachd agus notaichean a dhèanamh air mar a tha cuspairean agus teachdaireachd na sgeulachd a' togail ceann. Nuair a tha thu air sin a dhèanamh, tha thu deiseil airson anailis agus luachadh a dhèanamh air dè cho soirbheachail 's a bha an sgrìobhadair ann a bhith a' cur nan rudan seo fa chomhair an leughadair.