Ceòl

Mapa-inntinn: Mi fhèin is ceòl

Mi fhèin is ceòl

Ceist: Am bi thu fhèin no duine san teaghlach agad a' cluich ionnsramaid ciùil, a Mhàiri?

Màiri: Bidh. Tha mi fhìn dìreach air tòiseachadh air...

Beachdan air an eisimpleir:

  • Chì thu gu bheil gu leòr aig Màiri ri ràdh. Aig Ìre Nàiseanta 5, bidh thu a' tairgsinn fiosrachadh a tha freagarrach agus cha bhi aig an tidsear ri tharraing asad.
  • Bidh do thidsear a' coimhead airson beartas cànain bhuat. Dèan cinnteach gun dèan thu do dhìcheall!
  • Feuch fhèin smaoineachadh air dè eile a chuireadh tu ris a' phìos seo. San eisimpleir, bha Màiri gus innse dhuinn mu ionnsramaid ciùil; a bheil thu fhèin a' cluich inneal-ciùil? Ma tha, is e toiseach tòiseachaidh glè mhath a bhiodh ann sin a mhìneachadh. Mur a bheil, innis sin agus dh'fhaodadh tu an uair sinn innse a bheil caraid, no neach san teaghlach agad a' cluich inneal-ciùil.
  • Smaoinich air cànan a tha beothail agus dèan do chòmhradh tarraingeach.
Move on to Test
next