Ceòl

Mapa-inntinn: Air bus na sgoile

Air bus na sgoile

Air a' bhus dhan sgoil sa mhadainn cha bhi mi fhìn 's mo chàirdean a' bruidhinn - tha e ro thràth. Bidh sinn ag èisteachd ris na cluicheachdairean mp3 againn. Is dòcha còmhlan Albannach no is dòcha còmhlan Èireannach.

Mapa-inntinn: Anns an sgoil aig àm dinnearach

Anns an sgoil aig àm dinnearach

Ceist: A Mhàiri, tha mi a' faicinn gu bheil ceòl cudromach dhut - chan eil thu a' dol a dh'innse dhomh gum bi thu ag èisteachd ri ceòl sa chlas, a bheil?

Màiri: O chan eil. Chan eil e ceadaichte dhuinn a bhith ag èisteachd ri ceòl sa chlas, ach faodaidh sinn èisteachd ris aig aon uair deug 's aig àm dinnearach. Ach, mar as trice aig àm dinnearach bidh mi fhìn 's mo charaidean a' coiseachd mun cuairt 's a' còmhradh. Uaireannan mu cheòl ach glè thric mu na tha air tachairt san sgoil a' mhadainn ud.