Ceòl

Mapa-inntinn: Inns gu bheil ceòl a' dol agam fad an latha

Inns gu bheil ceòl a' dol agam fad an latha

Ceist: Madainn mhath, a Mhàiri. Tha thu a' dol a thoirt do bheachdan air a' chuspair, "Tha ceòl cudromach". Siuthad ma-thà. Inns dhomh dè do bheachdan air a' chuspair.

Màiri: Madainn mhath. Tha mise a' smaoineachadh gu bheil ceòl cudromach. Tha ceòl a' dol agamsa bho mhoch gu dubh.

Mapa-inntinn: A' chiad char sa mhadainn

A' chiad char sa mhadainn

Nuair a dh'èireas mi sa mhadainn bidh mi a' cur air an cluicheachdair mp3 agam. Tha inneal-cluich mp3 ri taobh mo leapa, bidh mi a' stobadh an cluicheadair mp3 ann air an oidhche agus tha ceòl a' tighinn air aig a seachd a h-uile madainn airson mo dhùsgadh. Mar as trice 's e Mànran a bhios ga mo dhùsgadh leis an òran Latha Math. Is fìor thoigh leam e.

Nuair a bhios mi a' gabhail mo bhracaist bidh ceòl a' cluich air an rèidio. Chì sibh gu bheil ceòl den h-uile seòrsa a' còrdadh rium, cho fad 's a tha e ceòlmhor. Cha toigh leam ceòl a tha gleadhrach.