Daoine a dhiùlt air sgàth an cogais

Bha daoine a bha a' diùltadh air sgàth an cogais gan toirt gu cùirt airm. Ann an 1916 nochd mu 14,000 neach a bha a' diùltadh air sgàth an cogais ann an cùirt. Bha na cùirtean sin coltach ri cùirtean airm agus dh'èist iad ris na h-adhbharan a bh' aig na daoine airson iad a bhith an aghaidh an togail dhan arm. Mar bu trice cha deach gabhail ris na h-adhbharan sin. Ach chaidh gabhail ri cuid dhiubh.

B' e aon dhe na cùisean neo-àbhaisteach sin màthair, Elsie M. Cowie, à Glaschu, a rinn tagradh airson gum faodadh a mac a b' òige frithealadh aig an taigh. B' e an t-adhbhar a bh' aice gun robh ceathrar mhac leatha air a dhol dhan chogadh, agus gun deach triùir dhiubh a mharbhadh ann an 1915 – dithis san arm agus fear san Nèibhidh. Thuirt a' chùirt nach fheumadh a mac, Frank Hamilton Cowie, a dhol dhan arm air sgàth cruadail.

Dh'aontaich mu 7,000 neach a bha a' diùltadh air sgàth an cogais a dhol an sàs ann an obair nach robh a' gabhail a-steach sabaid. Glè thric bha iad ag obair a' giùlan shìneadairean air an loidhne-aghaidh. Ach dhiùlt còrr is 1,500 dhen luchd-sìthe gnothach sam bith a ghabhail ri seirbheis airm. Bha na daoine sin an aghaidh obair sam bith a ghabhail os làimh co-cheangailte ri oidhirp a' chogaidh ann am Breatainn.

Thar na RA, chaidh 5,970 neach a bha a' diùltadh air sgàth an cogais a thoirt gu cùirt agus an cur dhan phrìosan. Bha cùisean uabhasach borb an sin, agus chaochail co-dhiù 73 dhiubh air sgàth 's droch làimhseachaidh.

Nuair a chrìochnaich an cogadh, thill mòran dhe na daoine a bha a' diùltadh air sgàth an cogais gu am beatha àbhaisteach, ach fhuair iad a-mach nach do chuir an teaghlaichean fàilte orra idir agus dhiùlt luchd-fastaidh obair a thoirt dhaibh.