Arêtes agus stùcan pioramaideach

Aghaidh Thuath An EigerSealladh de na Himalayas a' sealltainn arête agus stùc phioramaideach

'S e druim le oir bhiorach a th' ann an arête. Tha e air a chruthachadh nuair a bhios dà choire nan seasamh cùl ri cùl. Mar a bhios gach èigh-shruth a' bleith gach taobh dhen druim, bidh an oir a' fàs nas caise agus bidh an druim a' fàs nas cumhainge.

Bidh stùc phioramaideach ga chruthachadh far am bi trì no barrachd de choireachan agus de dh'arêtes a' coinneachadh. Bidh èigh-shruthan a' bleith an comhair an cùil a dh'ionnsaigh a chèile, agus a' gearradh a-mach nan creagan le spìonadh agus sgrìobadh. Bidh reothadh is aiteamh a' caitheamh bàrr beinne agus a' cruthachadh mullach biorach.