A' ceannsachadh Alba

Bha an fhearg air Eideard mu na rinn uaislean Alba agus thug e ionnsaigh orra.

Tachartas 1 – Sèist Bhearaig

  • Air 12 Màrt 1296, chuir Eideard I baile Bhearaig ann an Alba fo shèist.
  • Nuair a thug Eideard trì latha do mhuinntir Bhearaig airson gèilleadh cha do rinn iad ach fanaid air.
  • Thug Eideard an t-òrdan dha na feachdan aige ionnsaigh a thoirt orra. Chaidh Bearaig a chur fodha agus chaidh 10,000 neach a mharbhadh.

Tachartas 2 – Blàr Dhùn Barra

  • Chaidh fear de dh'uaislean Eideird I, Iarla Warenne à Surrey a chur airson caisteal Dhùn Barra a ghlacadh dha na Sasannaich.
  • Bha an t-iarla a bha os cionn a' chaisteil mar-thà air aontachadh gun gèilleadh an caisteal, ach thug a bhean Caisteal Dhùn Bharra dha na feachdan Albannach.
  • Cho-dhùin Warenne gun coinnicheadh e ri feachd na h-Alba ann am blàr faisg air a' chaisteal. Fhad 's a bha feachdan Shasainn a' gluasad, shaoil na h-Albannaich, gu ceàrr, gun robh iad air an ratreut agus thug iad ionnsaigh orra.
  • Chaidh na h-Albannaich a chur fodha gu tur oir bha iad air a dhol às òrdugh.
  • Chaidh mòran dhe na h-Urrasairean agus de dh'uaislean Alba a ghlacadh.

Tachartas 3 – An Rìgh Iain ga ghlacadh

  • Ro mheadhan an t-samhraidh, bha Eideard I air a' chuid bu mhotha de chaistealan cudromach Alba a ghlacadh, cho fada tuath ri Eilginn.
  • Theich an Rìgh Iain gu tuath gu fearainn a theaghlaich airson fearg Eideird a sheachnadh.
  • Bha e follaiseach nach robh fiù 's na h-uaislean aige fhèin a' toirt taic dha, agus mar sin, ghèill Iain do dh'Eideard air 10 Iuchar 1296.

Tachartas 4 – Alba a' call neo-eisimeileachd

  • Thug Eideard I am Baidse Rìoghail far aodach an Rìgh Iain agus an dèidh sin, chante Toom Tabard (a' ciallachadh Còta Falamh) ri Iain.
  • Thug rìgh Shasainn cuideachd leis seudan Crùn na h-Alba, Ròd Dubh an Naoimh Mairead agus Lia Fàil, air am biodh rìghrean Alba air an crùnadh.
  • Bhris Eideard seula rìoghail Iain.
An Lia Fàil
An Lia Fàil

Tachartas 5 – An Roile Robach

San Lùnastal 1296, thug uaislean na h-Alba agus daoine cudromach eile bòid phearsanta do Rìgh Shasainn. Dh'fheumadh iad na seulaichean aca a chur ri sgrìobhainn ris an canar a-nis an Roile Robach. Bha sin a' ciallachadh gun robh iad a' gabhail ri Eideard mar am mòr-uachdaran aca.

Bha Alba a-nis gu tur fo smachd Eideird I Shasainn.

Move on to Test
next