An Cogadh Anglo-Frangach agus An Cùmhnant Franco-Albannach

An Cogadh Anglo-Frangach

Ann an 1294, bha Eideard I a' dèanamh deiseil airson a dhol a chogadh ris an Fhraing.

  1. Bha a' chòir aig Eideard iarraidh air na h-uaislean aige gu lèir a dhol còmhla ris, no co-dhiù gun cuireadh iad saighdearan dhan arm aige.
  2. Ann am beachd Eideird, bha an Rìgh Iain mar fhear dhe na h-uaislean aige. Chaidh a ràdh ris an Rìgh Iain gum feumadh e fhèin agus Albannaich eile a dhol a shabaid.

Dhiùlt uaislean Alba gabhail ris a' bheachd gum bu chòir dhan rìgh aca sabaid do Shasainn.

  1. Bha uaislean Alba dhen bheachd gun robh Alba na dùthaich neo-eisimeileach.
  2. Bha ceanglaichean malairt làidir aig Alba ris an Fhraing agus cha robh iad airson sabaid ris na compàirtichean malairt aca.

An Cùmhnant Franco-Albannach

Chaidh buidheann ùr de dhusan Urrasair na Rìoghachd a chruthachadh airson rudeigin a dhèanamh, agus iad dhen bheachd nach dèanadh an Rìgh Iain dad. Chuir na h-Urrasairean teachdairean à Alba dhan Fhraing airson bruidhinn mu dheidhinn mar a dhèiligeadh iad ri Eideard I. Sa Ghearran 1296, chaidh caidreachas armailteach agus dioplomataigeach aontachadh eadar Alba agus an Fhraing. Chaidh cùmhnant a shoidhnigeadh ris an cante an Seann Caidreachas no Auld Alliance. Thuirt an cùmhnant, nan deigheadh ionnsaigh a thoirt air an Fhraing, gun tigeadh feachdan à Alba gan cuideachadh. Dhèanadh an Fhraing an aon rud nan tachradh a leithid do dh'Alba.