Eideard I mar mhòr-uachdaran na h-Alba

Chaidh Iain Balliol a chrùnadh mar Rìgh Iain na h-Alba ann an Sgàin air 30 Samhain 1292. Cho luath 's a fhuair an Rìgh Iain an crùn, bha iomadh duilgheadas roimhe:

  • Cha robh e ullaichte airson a bhith na rìgh.
  • Cha robh rìgh air a bhith air Alba airson sia bliadhna agus bha an siostam rianachd lag.
  • Bha mòran dhe na h-uaislean, gu h-àraidh anns na h-Eileanan Siar agus ann am fearainn Bhrus, nach do chuir taic ris a' cho-dhùnadh gum biodh Iain na rìgh.
Iain Balliol a' toirt ùmhlachd do Rìgh Eideard I
Iain Balliol a' toirt ùmhlachd do Rìgh Eideard I

Rinn Eideard I Shasainn cùisean gu math doirbh dhan rìgh ùr:

  • Thug e air an Rìgh Iain ùmhlachd a thoirt dha, gabhail ri Eideard I mar am mòr-uachdaran aige, a' sealltainn gun robh Iain dha-rìribh os cionn Alba.
  • Chuir e fear-uasal à Sasainn, Tòmas à Hunsingore, ann an dreuchd mar ionmhasair Alba.
  • Nàraich e an Rìgh Iain le bhith ag ràdh gun èisteadh e ri gearanan laghail agus èisteachd cùirte bho uaislean Alba.

Bhathar a' gabhail ri Balliol mar fhear de dh'uachdarain Eideird I seach a bhith na rìgh air dùthaich neo-eisimeileach.