Beachdan mu shoirbheachas na h-iomairt an aghaidh tràillealachd

Tha deasbad am measg luchd-eachdraidh a thaobh dè na h-adhbharan a bu chudromaiche ann a bhith a' cur crìoch air malairt nan tràillean san Atlantaig. 'S e cuid dhe na h-adhbharan:

Beachd a' phobaill

Bha taic mhòr am measg sluagh Bhreatainn sna 1790an airson cur às do thràillealachd. Tha sin a' sealltainn gu soilleir mar a bha beachd a' phobaill air taobh nan daoine a bha airson cur às do mhalairt nan tràillean.

Chuir na ceudan mhìltean an taic ri tagraidhean dhan Phàralamaid airson cur às do mhalairt nan tràillean agus a bhith a' seachnadh siùcar às na h-Innseachan an Iar. Bha ath-bheothachadh ann an creideamh mu dheireadh an 18mh linn agus thug sin air daoine smaoineachadh mu mhoraltachd thràillean agus gun robh e ceàrr.

Suidheachadh eaconamach

Tha fianais ann nach robh malairt nan tràillean cho prothaideach 's a chleachd. Bha a' phrìs airson tràillean a cheannach ann an Afraga a' dol suas, agus ràinig sin £25 ann an 1800. Ach cha robh a' phrìs airson reic ann an Ameireaga air èirigh cho luath agus cha robh a' phrìs ach £35 ann an 1800.

Sheall an neach-eachdraidh Eric Williams nach robh malairt nan tràillean air a bhith a' dèanamh uiread de dh'airgead sna beagan bhliadhnachan mus tàinig e gu crìoch. Thuirt e gur e sin an t-adhbhar gun deach cur às dha. Le barrachd malairt ris an Ear Chèin agus ris na h-Innseachan, cha robh feum aig Breatainn air malairt nan tràillean tuilleadh.

Deasbad sa phàrlamaid

Feumaidh mòran dhen chliù airson mar a shoirbhich leis an iomairt airson cur às do thràillealachd a dhol gu William Wilberforce airson an iomairt airson cur às do thràillealachd a thogail mar chuspair deasbaid sa phàrlamaid. Thug an comas labhairt a bh' aige air mòran aontachadh gum bu chòir cur às dhan mhalairt.

Nochd luchd-eachdraidh cuideachd cho cudromach 's a bha am bile aig James Stephen ann an 1806. Ann an dòigh, chuir a' phàrlamaid às do thràillealachd nuair a bha e gus tuiteam às a chèile co-dhiù.

Mòr-shealladh air cur às do thràillealachd

Move on to Test
next