Maill ann a bhith a' cur às do mhalairt nan tràillean

Buidheann-lobaidh sna h-Innseachan an Iar

Eadar 1788 is 1792, chuir buidheann-lobaidh (anns an robh Diùc Chlarence, fear de mhic Rìgh Deòrsa III) a bha airson nan tràillean sna h-Innseachan an Iar iomairt air dòigh an aghaidh nan daoine a bha airson cur às do thràillealachd.

Anns a' bhuidheann bha daoine aig an robh planntachasan sna h-Innseachan an Iar agus a bha a' dèanamh prothaid bho mhalairt nan tràillean dòigh air choreigin. Bha am Buidheann sin a' cumail sùil air iomairtean sna pàipearan-naidheachd is ann an irisean le daoine a bha an aghaidh tràillealachd. Chuir iad fhèin daoine ann an dreuchd airson litrichean agus artaigilean a sgrìobhadh sna pàipearan sin gus taic a chur ri tràillealachd.

Chan eil coltas gun do shoirbhich ro mhath leis a' bhuidheann. Chaidh aca air bacadh a chur air bileachan an aghaidh tràillealachd sa phàrlamaid oir bha gnìomhachasan aig Buill Pàrlamaid a bha co-cheangailte ri malairt nan tràillean.

Cha robh mòran dhaoine ann am buidheann-lobaidh nan Innseachan an Iar agus, an fheadhainn a bh' ann, bha iad a-mach airson am buannachd fhèin. Ach bha adhbhar làidir, moralta aig an fheadhainn a bha airson cur às do mhalairt nan tràillean agus, mu dheireadh, dh'fhàs an iomairt mòr-chòrdte. Glè thric bha fianais làidir aig an fheadhainn a bha an aghaidh tràillealachd (me diagram a' Bhrookes) agus bha e doirbh a dhol nan aghaidh.

An aghaidh tràillealachd agus a' phàrlamaid

Buaidh Ar-a-mach na Frainge

Ann an 1793 chaidh Breatainn an sàs anns na French Revolutionary Wars. Chuir sin màill air an iomairt airson cur às do thràillealachd air iomadh adhbhar:

  • Bha malairt nan tràillean air fhaicinn mar 'sgoil nan seòladairean' le bhith a' toirt trèanadh do sheòladairean mus deigheadh iad dhan Chabhlach Rìoghail.
  • Ma bha thu an aghaidh malairt nan tràillean nuair a bha cogadh cudromach a' dol air adhart, bha mòran dhen bheachd gun robh thu an aghaidh do rìoghachd agus chaill an fheadhainn a bha an aghaidh tràillealachd taic.
  • Bha Breatainn a' cur feum air bàtaichean agus air seòladairean airson i fhèin agus an Ìmpireachd a dhìon.
  • Bha Breatainn a' cur feum air tòrr airgid airson pàigheadh airson a' chogaidh an aghaidh na Frainge. Chosgadh e cus airgid cur às do mhalairt nan tràillean.