Luchd-dìon na malairt

Bha cuid de dhaoine agus de bhuidhnean airson gun leanadh malairt nan tràillean air adhart. Glè thric, bha adhbhar airgid air cùl am beachdan. Bha planntachasan aig cuid dhiubh a bha an urra ri tràillean mar luchd-obrach. Bha cuid eile a' dèanamh prothaid bho bhith a' malairt bathar a rinn tràillean.

Cha b' e a-mhàin luchd-cuir no marsantan beairteach a bha a' feuchainn ri dìon a chur air malairt nan tràillean. Bha iomadh neach-obrach àbhaisteach ann am Breatainn a' dèanamh beòshlaint bho ghnìomhachasan a bha an urra ris, mar:

  • giullachd siùcair
  • malairt tombaca
  • a' dèanamh bathar meatailte
  • a' dèanamh aodach

Cò bha na aghaidh?

Buill Pàrlamaid - Bha cuid de Bhuill Pàrlamaid nan luchd-cuir iad fhèin, no bha iad an sàs ann an gnìomhachas a bha a' dèanamh airgead à thràillealachd. Bha na Buill Pàrlamaid a bha nan luchd-cuir beairteach agus cumhachdach gu leòr airson Buill Pàrlamaid eile a bhrìbeadh. Bha iad a' dèanamh sin airson taic fhaighinn bhuapa gus bacadh a chur air bilean airson cur às do thràillealachd bho a dhol tron phàrlamaid.

Marsantan agus luchd-obrach - Bha bailtean ann am Breatainn a dh'fhàs beairteach air prothaid bho mhalairt nan tràillean agus bha iad airson gun leanadh an soirbheachadh sin. Bha obraichean mòran dhaoine ann am puirt mar Bristol agus Liverpool an urra ris a' ghnìomhachas a chruthaich malairt nan tràillean.

Ann an 1775 chuir àrd-bhàillidh, marsantan agus muinntir Bhristol tagradh dhan phàrlamaid agus iad a' cur taic ri malairt nan tràillean a chumail a' dol.

Luchd-riaghlaidh ann an Afraga - Bha luchd-riaghlaidh ann an Afraga cuideachd cudromach do mhalairt nan tràillean agus dh'fheuch iad ri dhìon. Nuair a chuir Breatainn às do mhalairt nan tràillean ann an 1807, sgrìobh Rìgh Bhonny ann an Nigeria dhan phàrlamaid le gearan.

Mar a thòisich an iomairt airson cur às do thràillealachd