Mar a bha daoine a bha airson cur às do thràillealachd ag obair

Coinneamhan

Bha iomadh dòigh aig daoine a bha airson cur às do thràillealachd air ìmpidh a chur air daoine gum bu chòir malairt nan tràillean a chasg.

Mar a bha daoine a' sìor ghabhail ri beachdan na Committee for the Abolition of the Slave Trade chaidh buidhnean airson cur às do thràillealachd a stèidheachadh air feadh Shasainn. Bhiodh iad ag iomairt aig coinneamhan poblach agus a' foillseachadh bhileagan is thagraidhean.

Mus robh rèidio, telebhisean agus an t-eadar-lìon ann, b' e coinneamhan poblach an dòigh a b' fheàrr air fiosrachadh a sgaoileadh mu adhbhar sam bith. B' e John Newton fear dhen phrìomh luchd-labhairt aig na coinneamhan airson cur às do thràillealachd.

A' cruinneachadh fianais

Dh'iarr a' Chomataidh airson cur às do Thràillealachd air Thomas Clarkson fianais a chruinneachadh mun olc a bha an cois malairt nan tràillean.

Ann an 1786, chaidh an aiste aig Thomas Clarkson An Essay on the Slavery and Commerce of the Human Species fhoillseachadh. B' e an obair aig Clarkson na b' urrainn dha de dh'fhianais an aghaidh malairt nan tràillean a chruinneachadh.

Thadhail e air puirt san robh malairt thràillean a' dol air adhart mar Lunnainn, Bristol agus Liverpool. Chaidh e air bòrd bhàtaichean agus rinn e sgrùdadh air bàtaichean thràillean. Chruinnich e fianais lethid glasan-dùirn iarainn, iarainn losgaidh agus glasan-mheur.

Bhruidhinn e ri còrr is 20,000 seòladair, agus fhuair e a-mach gum biodh iadsan cuideachd a' fulang air bàtaichean nan tràillean oir cha robh dragh aig na caipteanan co-dhiù am biodh iad beò no marbh. Chuir an sgrùdadh aig Clarkson an fhearg air cuid dhe na caipteanan agus dh'fheuch iad ri mharbhadh le phutadh dhan doc ann an Liverpool. Dh'fhaillich orra agus cha do bhàsaich Clarkson.

B' e fear dhe na pìosan fianais uabhasach feumail a lorg Clarkson dealbh dhen bhàta thràillean Brookes, a bha a' sealltainn cho beag 's a bha de rùm aig an 450 tràill a bha air bòrd.

Ann an 1787 chuir Thomas Clarkson seachad còig mìosan a' bruidhinn air feadh Shasainn, agus a' sealltainn shèinichean is iarainn agus modail de bhàta thràillean do dhaoine. Rinn e sin airson gun deigheadh daoine an aghaidh tràillealachd.

Bha luchd-iomairt eile cuideachd a' foillseachadh bileagan ag innse cho dona 's a bha cùisean air an t-Slighean Mheadhain, agus mu nithean a thachair leithid cùis an Zong (1781).

Thomas Clarkson ann an Lunnainn a' bruidhinn an aghaidh tràillealachd
Thomas Clarkson ann an Lunnainn a' bruidhinn an aghaidh tràillealachd

A' cleachdadh chunntasan bho bhàtaichean thràillean

B' e an searmonaiche John Newton, a bha uair na chaiptean air bàta thràillean, a sgrìobh an laoidh Amazing Grace a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1779.

Ann an 1780 chaidh a chur an dreuchd mar mhinistear ann an Eaglais Àrd-bhàillidh Lunnainn. Bhiodh mòran a' dol a dh'èisteachd ris na searmoin ainmeil a bh' aige an aghaidh tràillealachd.

Ann an 1788, 34 bliadhnaichean an dèidh obair malairt nan tràillean a leigeil dheth, dh'fhoillsich Newton Thoughts Upon the Slave Trade, san tug e cunntas air an t-suidheachadh oillteil air bòrd bhàtaichean thràillean air an t-Slighe Mheadhain, agus thuirt e gun robh e duilich gun do ghabh e riamh gnothaich ris. Chaidh lethbhreac dhen bhileig a chur chun a h-uile BP, agus chaidh uiread a reic 's gum b' fheudar a chlò-bhualadh a-rithist.

Còraichean laghail gan stèidheachadh

Anns na 1770an chruinnich Granville Sharpe, a bha ag iomairt airson cur às do thràillealachd, fianais a bha a' sealltainn nach robh tràillealachd a' tighinn a rèir Lagh Shasainn.

Bhuannaich Granville Sharp Cùis Lagha Somersett (1772) ann an Lunnainn. Thuirt Ceannard an Lagha, am Morair Mansfield (aig an robh tràillean e fhèin) nach b' urrainn toirt air tràillean ann an Sasainn tilleadh dha na h-Innseachan an Iar.

Beachdan bho thràillean agus bho dhaoine a bha uaireigin nan tràillean

Olaudah Equiano, a dh'fhoillsich eachdraidh a bheatha na thràill
Olaudah Equiano

Le bhith a' cruinneachadh fianais phearsanta bho dhaoine a chleachd a bhith nan tràillean agus a chleachd a bhith an sàs ann am malairt thràillean, a bharrachd air fiosrachadh mun ghnìomhachas fhèin, chaidh aig an fheadhainn a bha airson cur às do thràillealachd air taic a chur rim beachd.

Ann an 1787 chaidh Thoughts and Sentiments on the Evil of Slavery le Quobna Ottobah Cugoano, a chleachd a bhith na thràill, fhoillseachadh. Ann an Sasainn, thòisich buidheann de Bhreatannaich dhubha, ris an cante na Sons of Africa, air litrichean a sgrìobhadh an aghaidh malairt nan tràillean.

Dh'fhoillsich aon fhear ainmeil, Olaudah Equiano, a bha na bhall agus a bha uair na thràill e fhèin, eachdraidh a bheatha, The Interesting Narrative of the Life of Olaudah Equiano, ann an 1789.

B' e boireannach dubh a bh' ann am Mary Prince a rugadh na tràill ann am Bermuda. Ann an 1831, dh'fhoillsich i eachdraidh a beatha, The History of Mary Prince nuair a bha i a' fuireach ann an Lunnainn.

B' e sin a' chiad chunntas air beatha boireannach dubh a chaidh fhoillseachadh ann am Breatainn agus a thug cunntas pearsanta air brùidealachd beatha nan tràillean. Chòrd e gu mòr ri daoine agus chaidh a chlò-bhualadh trì tursan sa chiad bhliadhna a nochd e.

Mary Prince, an tràill dhubh

Follaiseachd eile

Ann an 1787, sgaoil an crèadhadair Josiah Wedgewood cameo dubh is geal a dh'fhaodadh daoine a bha airson cur às do thràillealachd a chur orra. Sgrìobhte air a' bhonn bha Am I Not a Man and a Brother? agus thàinig sinn gu bhith na shuaicheantas aig daoine a bha airson cur às do thràillealachd ann am Breatainn is ann an Ameireaga.

Sgrìobh William Cowper dàn, The Negro's Complaint, airson innse mun chùis. Chòrd e cho mòr ri daoine is gun do sgaoil e air feadh Bhreatainn, agus uaireannan bhiodh daoine a' cur ceòl ris agus ga ghabhail mar òran.