Argamaidean airson cur às do thràillealachd

Chuir an fheadhainn a bha an aghaidh tràillealachd iomadh argamaid air adhart gus taic dhan iomairt aca airson malairt nan tràillean a chasg. Faodar iad sin a chur air dòigh mar a leanas:

Argamaidean eaconamach

Sgrìobh Adam Smith The Wealth of Nations ann an 1776. Thuirt e gur e tràillean dòigh cho neo-èifeachdach agus cho cosgail 's a bh' ann. Ghabhadh siùcar a dhèanamh gu math na bu shaoire sna h-Innseachan le luchd-obrach nach robh nan tràillean.

Bha cuid ag argamaid nach robh gnìomhachas Bhreatainn a-nis an urra cho mòr ri malairt nan tràillean. Bha Mòr-chaochladh a' Ghnìomhachais aig àirde. Bha obraichean pailt do dhaoine gun obair ann am factaraidhean ùra ann am Breatainn. Bha malairt a' fàs gu luath eadar Breatainn agus na coloinidhean aice san h-Innseachan agus san Ear Chèin.

Argamaidean daonnda

Bha mòran sheòladairean Breatannach a' bàsachadh ann am Malairt an Triantain. Bha brùidealachd uabhasach an cois malairt nan tràillean.

Argamaidean Crìosdail

Bha am Bìoball a' teagasg gum bu chòir daoine dèiligeadh ri chèile le coibhneas agus gràdh. Chruthaich Dia daoine mar bhràithrean agus mar pheathraichean. Bha tràillealachd a' briseadh riaghailtean nan Deich Àithntean.