Mar a thòisich iomairtean airson cur às do thràillealachd

Aig deireadh an 18mh linn, thòisich beachd a' phobaill a' dol an aghaidh malairt nan tràillean.

B' e Comann nan Caraidean (comann Crìosdail ris an canar na Caocairean) a' chiad bhuidheann a thuirt gu poblach gun robh iad an aghaidh tràillealachd. Ann an 1761, cho-dhùin iad nach fhaodadh duine dhe na buill aca a bhith an sàs ann am malairt nan tràillean.

Ann an 1787, chaidh an Comann airson Cur às do Mhalairt nan Tràillean a stèidheachadh. Bha 9 dhe na buill thùsail nan Caocairean. Bha William Wilberforce BP gan riochdachadh sa phàrlamaid. An toiseach bha iad ag argamaid nam measg fhèin air ciamar a dhèiligeadh iad ri tràillealachd ach co-dhiù, dh'aontaich iad gum biodh an obair ro mhòr dhaibh fhèin cur às do thràillealachd. Carson?

  • Bha cuid mhòr de bheairteas Bhreatainn an urra ri bathar a rinn tràillean sna h-Innseachan an Iar.
  • Bha bacadh a' dol an aghaidh còraichean luchd-seilbh nan tràillean a bha air airgead mòr a phàigheadh airson nan tràillean aca.
  • Nan iarradh luchd-seilbh thràillean cus airgead-dìolaidh airson nan tràillean a chailleadh iad, bhiodh e ro chosgail dhan riaghaltas airson beachdachadh air cur às do thràillealachd.

Cho-dhùin a' chomataidh gum b' e an dòigh a b' fheàrr feuchainn ri cur às do mhalairt nan tràillean. Chuireadh sin co-dhiù crìoch air doilgheas na Slighe Mheadhain. Bhiodh e cuideachd a' ciallachadh gun robh tràillean prìseil, agus bheireadh e air na maighstirean aca dèiligeadh riutha ann an dòigh na b' fheàrr.

Gluasad gus cur às do thràillealachd