Leughadh

Ceistean

Question

Ciamar a tha fios againn nach fheum Seonag a bhith a' fuireach ann an aon àite a-nis?

Tha bhan-campachaidh aice mar dachaigh.

Question

Thoir trì pìosan fiosrachaidh mu Sheonag agus a cù.

Trì sam bith a-mach às an liosta a leanas:

  • 'S e Rocky an t-ainm a tha air.
  • 'S e Abhag Sgitheanach a tha ann.
  • Bidh e a' dol don h-uile àite còmhla rithe.
  • Cheannaich i an cù aon Disathairne agus air Diluain bha an cù còmhla rithe anns a' chàr aig làrach ann an Sasainn.

Dèan cinnteach gun toir thu freagairt le trì pìosan fiosrachaidh slàn ann an ceist mar seo. Ma tha teagamh sam bith agad, cuir barrachd fiosrachaidh sìos an àite a bhith gann.

Question

Ciamar a tha fios againn gu bheil a beatha a' còrdadh ri Seonag?

Tha i ag ràdh nach b' urrainn dhi smaoineachadh air beatha na b' fheàrr.

Question

Dè an ceangal a tha ann eadar Seonag agus Cill Rìmhinn?

Tha carabhan mòr aice ann an Cill Rìmhinn.

Smaoinich mun earrainn air fad.

Question

(a) Dè seòrsa sgrìobhaidh a tha seo?

  • Aithisg-naidheachd
  • Fiosrachadh mu chuideigin inntinneach
  • Aiste dà-thaobhach

(b) Nad bheachd, càit an nochdadh artaigil mar seo?

  • Ann am pàipear-naidheachd ionadail
  • Ann an iris mu shaor-làithean
  • Air làrach-lìn sòisealta

(c) Saoil cò as motha aig am biodh ùidh anns an artaigil seo?

  • Daoine a dh'aithinicheadh Seonag NicShimidh
  • Daoine à dùthchannan eile
  • Daoine a tha ri obair-togail
  • Daoine aosta

(a) Tha a' cheist seo ag iarraidh ort beachdachadh air an t-seòrsa teacsa a th' ann. 'S e am freagairt: Fiosrachadh mu chuideigin inntinneach.

Tha fios againn air a seo bho bhith a' leughadh na h-earrainn air fad. Tha seantansan mar, 'S ann mu dheidhinn boireannach a tha 'na h-annas' do mhòran a' nochdadh seo dhuinn cuideachd.

(b) Tha a' cheist seo a' toirt ort beachdachadh air stoidhle na h-earrainn. 'S e am freagairt: Ann am pàipear-naidheachd ionadail.

Nochdadh a leithid ann am pàipear-naidheachd ionadail far am faicear gu tric artagailean mu dhaoine inntinneach a bhuineas dhan sgìre. Chan eil gnothach aig an artaigil ri saor-làithean 's chan fhaiceadh tu a leithid air làrach-lìn sòisealta mar Facebook no Twitter.

(c) Tha a' cheist seo a' sireadh beachd bhuat air cò dha a chaidh an artaigil seo a sgrìobhadh. 'S e am freagairt: Daoine a dh'aithinicheadh Seonag NicShimidh agus daoine aig a bheil ùidh ann an obair-togail.

Bhiodh ùidh aig daoine a dh'aithnicheadh am boireannach ann – bhiodh iad airson barrachd fhaighinn a-mach mu beatha. Bhiodh ùidh aig daoine a tha ri obair-togail ann – tha e a' sealltainn gun urrainn do bhoireannaich a bhith soirbheachail sa ghnìomhachas agus gun urrainn do dhaoine a bhith ag obair ann an iomadh àite 's do iomadh companaidh.

Smaoinich air na tha thu air leughadh anns an earrann air fad.

Question

Dè do bheachd air beatha Seonag NicShimidh agus carson a tha thu den bheachd seo?

Tha a' cheist seo a' sireadh beachd pearsanta. Feumaidh tu cuideachd adhbharan a thoirt seachad gus taic a thoirt dha do fhreagairt.

Seo dà fhreagairt a bhiodh iomchaidh:

Nam bheachd, 's e beatha aonaranach a tha aice. Chan eil fìor charaidean aice 's bidh i an-còmhnaidh a' gluasad bho àite gu àite.

NO

Saoilidh mi gur e beatha glè inntinneach a tha aice. Chì i mòran àiteachan 's coinnichidh i ri mòran dhaoine.

Move on to Test
next