Beachdan ag atharrachadh

Ann an 1900, bha beachdan air bochdainn agus cùisean sòisealta eile ag atharrachadh. Cha robh coltas gun robh am poileasaidh 'laissez faire' ag obrachadh oir bha bochdainn agus droch shlàinte fhathast bitheanta.

Ghabh an Riaghaltas Libearalach a chaidh a thaghadh ann an 1906 modh-obrach na bu 'cho-shealbhaiche'. Bha an riaghaltas a-nis a' gabhail ris gum bu chòir dhaibh a bhith a' dèanamh barrachd gus cuideachadh a thoirt dhan fheadhainn nach b' urrainn iad fhèin a chuideachadh.

Dè dh'adhbharaich an t-atharrachadh bheachdan?

Beachdan ag atharrachadh

Èifeachdas nàiseanta

  • Bha eagal air mòran gun robh Breatainn a' dol bhuaithe mar chumhachd cruinneil.
  • Ma bha Breatainn a' dol a leantainn mar chumhachd cruinneil, dh'fheumadh i luchd-obrach a bha làidir, fallain agus air an deagh fhoghlamachadh.

Buaidh na Gearmailt

  • Fo Bhismarck, rinn a' Ghearmailt ath-leasachadh sòisealta agus toiseach nan 1900an, bha eaconamaidh agus arm làidir aice.
  • Stèidhich a' Ghearmailt àrachas tinneis dhan luchd-obrach.
  • Bha Lloyd George agus Churchill air am brosnachadh gus leasachaidhean dhen aon seòrsa a stèidheachadh ann am Breatainn.
David Lloyd George
David Lloyd George

Libearalaich ùra

  • Nochd beachdan ùra, libearalach ann an 1900 a bha a' sealltainn gum bu chòir dhan riaghaltas na bochdan a chuideachadh.
  • Am measg nan Libearalach ùr a bha dhen bheachd sin bha Lloyd George agus Winston Churchill.

Am Pàrtaidh Làbarach

  • Chaidh am Pàrtaidh Làbarach a stèidheachadh toiseach na linne.
  • Bha eagal air a' Phàrtaidh Libearalach gun cailleadh iad taic an obair-chlas chun a' phàrtaidh ùir sin mura toireadh iad sùil air na bochd a chuideachadh.
Move on to Test
next