An caisead

Bidh an caisead ag innse dhuinn dè cho cas 's a tha loidhne. Mar sin, mar as motha an caisead, 's ann as caise a tha an loidhne.

'S e loidhne dhìreach a tha ag aomadh suas chun na làimh dheis a th' ann an caisead dearbhte.

'S e loidhne dhìreach a tha ag aomadh sìos chun na làimh dheis a th' ann an caisead àicheil.

Caiseadan loidhneachan sònraichte

Tha an aon chaisead aig loidhneachan co-shìnte.

2 parallel diagonal lines

Tha caisead neo-mhìnichte aig loidhneachan bheartagail.

Co-aontar x = a

Vertical line

Tha caisead de neoni aig loidhneachan còmhnard.

Co-aontar y = b

Horizontal line

Seo aon dhe na foirmlean a bhios sinn a' cleachdadh gus caisead loidhne dhìreach obrachadh a-mach:

\text{Caisead leathaid} = \frac{{\text{astar bheartagail}}}{{\text{astar còmhnard}}}

Right angle triangle showing vertical and horizontal dimensions, with the gradient slope highlighted

Feuch a-nis na ceistean seo.

Question

Tha ramp ùr gu bhith a' dol air cliathaich togalaich.

Obraich a-mach caisead an ramp bhon diagram.

Diagram of a 26cm x 78cm right-angled triangle

Tha an caisead dearbhte bhon a tha an loidhne ag aomadh suas an taobh deas.

\text{Caisead} = \frac{{\text{astar bheartagail}}}{{\text{astar còmhnard}}}

= \frac{{26}}{{78}}

=\frac{13}{39}

=\frac{1}{3}

= 26 \div 78

= 0.333...

= 0.3\,(gu\,1\,id.)

Question

Obraich a-mach caisead na loidhne gu h-ìosal.

Gradient line on graph using the grid to plot a right angled triangle

Tha an caisead àicheil bhon a tha an loidhne ag aomadh sìos an taobh deas.

\text{Caisead} = \frac{{\text{astar bheartagail}}}{{\text{astar còmhnard}}}

-\frac{5}{2}

Question

Obraich a-mach caisead na loidhne gu h-ìosal.

Diagram of a 5cm x 20cm right-angled triangle

Tha an caisead àicheil bhon a tha an loidhne ag aomadh sìos an taobh deas.

\text{Caisead} = \frac{{\text{astar bheartagail}}}{{\text{astar còmhnard}}}

= \frac{{ - 5}}{{17}}

=  - 5 \div 17

=  - 0.29\,(gu\,2\,id.)

Question

Obraich a-mach caisead na loidhne gu h-ìosal.

Diagram of a 10m x 45m right-angled triangle

Tha an caisead dearbhte bhon a tha an loidhne ag aomadh suas an taobh deas.

\text{Caisead} = \frac{{\text{astar bheartagail}}}{{\text{astar còmhnard}}}

= \frac{{10}}{{45}}

= \frac{2}{9}

Move on to Test
next