Òrdughan sreathach

Tha Gillian a' pàigheadh cùmhnant a' fòn aice mar a chleachdas i e. Tha i airson obrachadh a-mach dè na chosg i air teacstan an t-seachdain seo.

Tha aon teacst a' cosg 5sg.

Feumaidh tu clàr luachan a dhèanamh airson suas ri 6 teacstan a' sealltainn na cosgais ann an sgillinnean mar a chì thu gu h-ìosal.

Table showing cost of texts increasing by 5

Feumaidh sinn a-nis foirmle a lorg a chuidicheas sinn ag obrachadh a-mach cosgais àireamh sam bith de theacstan.

Bu chòir gum faic thu bhon chlàr gu h-àrd gu bheil a' chosgais a' dol suas 5 gach turas.

'S e am foirmle C=5\times T

Question

Chuir Gillian 87 teacstan air falbh an t-seachdain seo. Dè chosg Gillian air teacstan an t-seachdain seo?

Cosgais (ann an sgillinnean) = 5 x àireamh theacstan

Gabhaidh seo ath-sgrìobhadh mar:

C = 5 \times T

Chuir Gillian 87 teacstan an t-seachdain seo. Faodaidh sinn a-nis am foirmle seo a chleachdadh gus a' chosgais obrachadh a-mach.

C = 5 \times T

C = 5 \times 87

C = 435sg = \pounds4.35

An nmh teirm

Seo òrdugh-àireamhan a' tòiseachadh le 1: 1, 4, 7, 10.

Bidh thu a' faighinn na h-ath àireimh le bhith a' cur 3 ris an teirm roimhpe.

Thèid iarraidh ort glè thric foirmle a lorg airson an nmh teirm.

Sequence formula example increasing by 3 each time

Question

Lorg an nmh teirm.

Sequence formula example increasing by 3 each time

Gus seo a dhèanamh, feumaidh sinn an toiseach an diofar eadar gach teirm a lorg. Innsidh seo pàirt dhen fhoirmle dhuinn:

\text{Ò} = 3 \times n

Nuair a dh'ionadaicheas sinn n = 1 dhan fhoirmle seo, chì sinn nach obraich e mar \text{Ò} = 3 \times 1 = 3, ach 's e 1 a' chiad teirm.

Chan fheum sinn a-nis ach 2 a thoirt-air-falbh.

\text{Ò} = 3 \times 1 - 2

\text{Ò} = 1

Feuch seo a-nis airson theirmean eile gus a bhith cinnteach gu bheil an riaghailt agad ag obrachadh:

Teirm 2

\text{Ò} = 3 \times 2 - 2

\text{Ò} = 6 - 2

\text{Ò} = 4\,Ceart!

Teirm 4

\text{Ò} = 3x4 -2

\text{Ò} = 12-2

\text{Ò} = 10\,Ceart!

Tha am foirmle againn a-nis:

\text{Ò} = 3 \times n - 2

or:

\text{Ò} = 3n - 2

Obraichidh an dòigh seo daonnan airson òrdughan far a bheil an diofar eadar na teirmean a' fuireach mar a bha e.

Question

Lorg an nmh teirm san òrdugh 1, 5, 9, 13.

nmh teirm12345
Òrdugh1591317
  • An toiseach, lorg an diofar eadar gach teirm
  • 'S e 4 an diofar eadar gach teirm
  • Leigidh seo leat a' chiad phàirt dhen fhoirmle obrachadh a-mach
  • Tòisichidh am foirmle airson an òrduigh seo le \text{Ò} = 4n
  • Thoir sùil a-nis air gach teirm
  • Nuair a tha n = 1, \text{Ò} = 4 \times 1 = 4. Ach 's e 1st a' 1d teirm.
  • Mar sin feumaidh sinn 3 a thoirt-air-falbh airson a' chiad teirm ceart fhaighinn agus cuideachd dèanamh cinnteach gu bheil seo ag obrachadh airson an 2ra teirm.

'S e am foirmle airson an òrduigh \text{Ò} = 4n - 3.