Pàtrain

Tha seata àireamhan a tha co-cheangailte ann an dòigh air choreigin ann an òrdugh àireamhan. San earrainn seo, ionnsaichidh sinn mar a dh'aithnicheas sinn diofar sheòrsachan òrdughan, agus mar a leudaicheas sinn pàtran àireamhan no dhiagraman agus mar a lorgas sinn am foirmle aige.

'S e liost àireamhan a th' ann an òrdugh. Canar teirmean an òrduigh ris na h-àireamhan.

'S iongantach mura bheil thu eòlach air iomadh òrdugh ainmeil de àireamhan.

Àireamhan cothromach

\[2,\,4,\,6,\,8,\,10,\,12...\]

Àireamhan còrr

\[1,\,3,\,5,\,7,\,9,\,11...\]

Àireamhan ceàrnagach

\[1,\,4,\,9,\,16,\,25,\,36,\,49,\,64...\]

(\(1\times 1,\ 2\times2,\ 3\times3\)...)

Àireamhan ciùbach

\[1,\,8,\,27,\,64,\,125...\]

(\(1 \times 1 \times 1\), \(2 \times 2 \times 2\), \(3 \times 3 \times 3\)...)

Cumhachdan de 2

\[2,\,4,\,8,\,16,\,32,\,64...\]

Cumhachdan de 10

\[10,\,100,\,1000,\,10000,\,100000,\,1000000...\]

Àireamhan triantain

\[1,\,3,\,6,\,10,\,15,\,21,\,28...\]

Red dots that are grouped in series of 1, 3, 6, 10, 15, 21