Sìmplichidh tu abairtean ailseabrach le bhith ag iomadachadh a-mach nan camagan is a' cruinneachadh theirmean co-choltach, no a' factaradh le factar cumanta. Lorg caisead loidhne dhìreach le foirmle.
Lorgaidh sinn luach abairt nuair a bhios fios againn air luachan \(x\), \(y\), msaa.
Mus tòisich sinn, feumaidh sinn cuimhneachadh air CÒRICT: an t-òrdugh anns am bi sinn a' dèanamh obrachaidhean.
Lorg luach \(3x + 5y\) nuair a tha \(x = 2\) agus \(y = -1\).
Gus luach abairt obrachadh a-mach, feumaidh sinn na luachan a th' againn airson \(x\) agus \(y\) ionadachadh gu \(3x + 5y\).
\[3x + 5y\]
\[ = 3 \times 2 + 5 \times ( - 1)\]
Cuimhnich gu bheil CÒRICT ag iarraidh oirnn iomadachadh mus dèan sinn cur-ris.
\[= 6 + ( - 5)\]
\[= 1\]
Lorg luach \(5c - b + 2a\) nuair a tha \(a = 3\), \(b = 1\) agus \(c = 4\).
\[5c - b + 2a\]
\[= 5 \times 4 - 1 + 2 \times 3\]
\[= 20 - 1 + 6\]
\[= 25\]
Seo foirmle tuairmseach a dh'atharraicheas teòthachdan celsius gu fahrenheit: \(F = 2C + 30\).
Obraich a-mach \(F\) nuair a tha \(C\) aig 15.
\[F = 2C + 30\]
\[F = 2 \times 15 + 30\]
\[F = 30 + 30\]
\[F = 60\]
Mar sin tha 15°C faisg air 60°F.