A' factaradh

Factar cumanta

Bidh sinn a' factaradh abairt le bhith ga h-ath-sgrìobhadh mar thoradh-iomadachaidh de fhactaran. Ma smaoinicheas sinn air ais gu bhith a' toirt chamagan air falbh, 's e am freagairt a-nis a' cheist agus 's e a' cheist a-nis am freagairt. Bu chòir dhuinn smaoineachadh: 'Dè bh' ann mus tug sinn na camagan air falbh?'

Nuair a bhios tu a' factaradh, 's e deagh rud a th' ann na camagan iomadachadh a-mach nuair a bhios freagairt agad. Bu chòir gum biodh do fhreagairt a' maidseadh na ceist. Mura bheil, bidh fios agad gun do rinn thu rudeigin ceàrr.

Feuch na ceistean gu h-ìosal.

Question

Factaraich 10 + 4x

Feumaidh sinn an toiseach am factar cumanta as àirde (FCÀ) de 10+4x a lorg, agus bheir seo dhuinn an teirm a thèid air taobh a-muigh nan camagan.

Factaran de 10

'S e na factaran cumanta: -2, -1, 1 agus 2.

'S e 2 am Factar Cumanta as Àirde (FCÀ) de 10 agus 4x.

10 + 4x = 2(... + ...)

Gus am faigh sinn na teirmean am broinn nan camagan, bidh sinn ag obrachadh a-mach 2 \times ? = 10 agus an uair sin  2 \times ? = 4x, agus 's e sin 5 agus 2x.

= 2(5 + 2x)

Cuimhnich gum faod thu a-nis na camagan iomadachadh a-mach gus dèanamh cinnteach gu bheil do fhreagairt ceart.

Question

Factaraich 6a - 9

Factar Cumanta as Àirde (FCÀ) = 3.

6a - 9 = 3(2a - 3)

Question

Factaraich 15 + 10x

= 5(3 + 2x)

Question

Factaraich 3 - 12a

= 3(1 - 4a)

Question

Factaraich 20y - 6

= 2(10y - 3)