Ailseabra

Gus na camagan a thoirt air falbh, bidh sinn ag iomadachadh an teirm air taobh a-muigh nan camagan leis an teirm am broinn nan camagan.

Canar lagh an sgaoilidh ris a' phròiseas gus camagan a thoirt air falbh.

Eisimpleir

Thoir air falbh na camagan bhon abairt \(4(y - 5)\).

Tha an abairt seo a' ciallachadh gu bheil a h-uile nì am broinn nan camagan air iomadachadh le 4.

Expression 4(y-5)

\[= (4 \times y) - (4 \times 5)\]

\[= 4y - 20\]

Question

Iomadaich a-mach na camagan ann an \(3(2a + 5)\)

Expression 3(2a+5)

\[= (3 \times 2a) + (3 \times 5)\]

\[= 6a + 15\]

Question

Iomadaich a-mach na camagan ann an \(5(3 - y)\)

\[= (5 \times 3) - (5 \times y)\]

\[= 15 - 5y\]

Question

Iomadaich a-mach an abairt \(2(6 - 4y)\)

\[= (2 \times 6) - (2 \times 4y)\]

\[= 12 - 8y\]

Question

Thoir na camagan air falbh bho \(4(3w - 2y)\)

\[= (4 \times 3w) - (4 \times 2y)\]

\[= 12w - 8y\]

Question

Thoir na camagan air falbh bho \(2(2x + 3y - 7z)\)

\[= (2 \times 2x) + (2 \times 3y) - (2 \times 7z)\]

\[= 4x + 6y - 14z\]