Na h-Oscars

Seo cothrom sgilean leughaidh a leasachadh aig Nàiseanta 5. Leugh an earrann agus freagair na ceistean a leanas.

Duais Oscair
Duais Oscair

Tha an saoghal air bhioran anns a' Mhàrt a h-uile bliadhna feuch cò bhuannaicheas na h-ìomhaighean beaga òir, na h-Oscars, dhaibh fhèin agus dha na filmichean aca. ‘S e seo an oidhche as motha ann an Hollywood gach bliadhna. Gu tric, chan e cò ghlèidheas a tha air aire an t-sluaigh ach ciamar a tha na daoine, is gu h-àraidh na boireannaich, air an sgeadachadh. Tha e cudromach do luchd-dealbhachaidh gum bi an t-aodach acasan air na cleasaichean as ainmeile an oidhche ud oir bidh òrdain aca an dèidh sin a chumas a' dol iad fad ùine.

B' anns a' bhliadhna naoi ceud deug fichead 's a naoi a thug an Acadamaidh duaisean seachad an toiseach. Bho chionn iomadh bliadhna tha ainm an duine a ghlèidh an duais air a chumail dìomhair gus an tèid ainmeachadh air an oidhche mhòir. Tha an dìomhaireachd seo a' ciallachadh gu bheil na meadhanan a' toirt mòran aire don oidhche fhèin. Tha e furasta a thuigsinn gun dèan duais dhen t-seòrsa seo diofar anabarrach dhan fhilm, dhan chompanaidh a rinn an fhilm agus dha na h-actaran a ghabh pàirt innte.

Chan ann tric a chaidh an oidhche mhòr seo a chur dheth, ach tha e air tachairt trì tursan. Aon turas bha tuiltean uabhasach ann an Los Angeles, turas eile chaidh a' chuirm a cur dheth air sgàth tiodhlacadh Martin Luther King agus chaidh a cur dheth turas eile nuair a dh'fheuch duine ris a' Cheann-suidhe Reagan a mharbhadh.

Ged a tha mòran dhaoine a' tadhal air Los Angeles airson na h-actaran ainmeil fhaicinn, cha leig iad a leas feuchainn ri tiocaid a cheannach airson na cuirme oir feumaidh duine fiathachadh fhaighinn gu pearsanta bhon Acadamaidh. Tha cothrom math aig luchd nam meadhanan faighinn faisg air na h-actaran ainmeil ge-tà airson dealbh fhaighinn dhiubh no eadhon airson bruidhinn riutha.

Tha sgeulachd annasach air cùlaibh duais nan Oscars. Chaidh an duais a chruthachadh an toiseach le Cedric Gibbons, fear-ealain a bha ag obair dhan Acadamaidh. Tha an ìomhaigh ann an cruth ridire le claidheamh na làimh. Tha an ridire na sheasamh air ruidhle film. Tha còig spògan air an fhilm, a' samhlachadh nan actaran, nan sgrìobhadairean, nan stiùirichean, nan riochdairean agus luchd-teicnigeach a tha ag obair anns a' ghnìomhachas. Tha an duais air a dhèanamh à umha air a chòmhdach le òr. Tha e doirbh do dh'actaran a tha an dùil Oscar fhaighinn coimhead sona nuair nach soirbhich leotha air an oidhche is sùilean an t-saoghail orra.

Chan eil duine sam bith buileach cinnteach ciamar a fhuair an ìomhaigh an t-aimn "Oscar" ach tha cuid ag radh gun tuirt tè a bha ag obair dhan Acadamaidh aig aon àm gun robh an ìomhaigh coltach ri bràthair a h-athar, air an robh an t-ainm Oscar. A rèir choltais, bha fear-naidheachd na sheasamh faisg air làimh nuair a thuirt i sin. Chuala e i agus chleachd e an t-ainm anns a' phìos a sgrìobh e dhan phàipear-naidheachd aige. Tha daoine air feadh an t-saoghail ag aithneachadh an ainm a-nise.

A' sealltainn gu bheil i a cheart cho comasach ri Hollywood, tha saoghal na Gàidhlig i fhèin a-nis a cumail cuirm gach bliadhna a tha air leth soirbheachail. Tha grunn bhliadhnaichean ann o chumadh a' chiad cho-fharpais FilmG. Gach bliadhna tha an àireamh a tha a' gabhail pàirt ag èirigh.

Tha farpais FilmG fosgailte do neach sam bith a tha aois 12 bliadhna no nas sine. Thathar air iarraidh air gach neach no sgioba film goirid Gàidhlig ullachadh. Feumaidh gach film a bhith eadar trì agus còig mionaidean a dh'fhaid. Tha farpais air leth ann do dh'inbhich ach chithear filmichean fìor mhath air an ullachadh, air an clàradh agus air an gearradh ann an sgoiltean na h-Alba. Tha grunn dhuaisean rin glèidheadh san fharpais, nam measg: Cluicheadair as Fheàrr, Dràma Goirid as Fheàrr, Riochdachadh as Fheàrr agus Duais Roghainn an t-Sluaigh; tha an duais seo air a thaghadh le luchd-cleachdaidh làrach-lìn FilmG.

Cò aig a tha fios? Is dòcha gum faicear fhathast rionnag à saoghal na Gàidhlig an làthair aig cuirm duais nan Oscars latha brèagha air choreigin!