Sgilean staitistigs test questions

1

Coimhead air an t-sreath àireamhan seo: 25, 21, 12, 14, 8, 19, 17, 12.

Dè an cuibheas a th' ann?

2

Coimhead air an t-sreath àireamhan seo: 25, 21, 12, 14, 8, 19, 17, 12.

Dè am mòd a th' ann?

3

Coimhead air an t-sreath àireamhan seo: 25, 21, 12, 14, 8, 19, 17, 12.

Dè am meadhan a th' ann?

4

Chaidh còignear sgoilearan ann an clas a chothromachadh agus b' e na cuideaman aca 47 cg, 51 cg, 46 cg, 50 cg, agus 48 cg. Obraich a-mach cuideam cuibheasach nan sgoilearan.

5

B' e na h-àirdean aig seachdnar chloinne ann an cm 151, 160, 148, 143, 127, 159 agus 133. Dè an àirde mheadhain a bh' ann?

6

Lorg an raon san t-sreath àireamhan seo:

12, 12, 10, 2, 30, 15, 22, 25, 8, 6, 12

7

Lorg an raon san t-sreath àireamhan seo:

28.9, 24.9, 26.9, 27.7, 32.9, 46.9, 27.7

8

Chosg e £420 a dhol air soar-làithean. Tha clàr-cearcaill a' sealltainn mar a chaidh an t-sirgead a chosg: biadh (180°), taigh-òsta (90°), siubhal (60°), rudan eile (30°). Dè chaidh a chosg air siubhal?

9

Seo mar a bha buidseat seinneadair thairis air trì mìosan: a' clàradh òran (£6,000), a' dèanamh a' chlàir agus còmhdach (£3,000), postairean (£5,000), cosgaisean làitheil (£2,000), aodach (£2,000).

Dè an ceàrn ann an clàr-cearcaill a bhios a' riochdachadh nam postrairean?

10

Tha 20 putan ann am bogsa. Tha naoi dhiubh buidhe, tha 4 dubh agus tha 7 uaine.

Dè a' choltachd gum bi putan a bheir thu às a' bhogsa gun choimhead uaine?

11

Tha 5 buill uaine, 2 bhall dhearg agus 4 buill bhuidhe ann am poca. Chaidh aon bhall a thoirt às air thuaiream. Dè a' choltachd gur e ball dearg a bhios ann?

12

Tha naoi putain le àireamhan 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8, 9 ann am poca. Chaidh aon a thoirt às air thuaiream. Dè a' choltachd gun gabh a roinn le 3?

13

Tha na h-aoisean aig oileanaich ann an clas colaiste sa chlàr seo.

AoisTricead
168
177
184
191

Obraich a-mach aois chuibheasach nan oileanach.

14

Airson an aon chlas 's a th' ann an Ceist 13, dè an aois mheadhain aig na h-oileanaich?

15

Airson an aon chlas 's a th' ann an Ceist 13, dè an aois mhòdach aig na h-oileanaich?