Cleachdaidh sinn grafaichean is clàran gus òrdugh a chur air dàta. Faodar staitistearachd a chleachdadh gus anailis a dhèanamh air dàta amh, no dàta air a chur còmhla gus cuibheasan obrachadh a-mach.
Tha e furasta clàran-cearcaill a tharraing ma chuimhnicheas sinn air rudeigin glè chudromach agus 's e sin gu bheil 360 ceum mu chuairt meadhan cearcaill. Bidh sinn a' roinn seo gus na diofar uireadan a shealltainn.
Seo eisimpleir le toraidhean a tha a' sealltainn far an deach buidheann sgoilearan airson nan saor-làithean.
Tha na toraidhean ann an ceudadan agus feumaidh sinn an atharrachadh gu ceuman agus an tarraing.
Tha na toraidhean gu h-ìosal:
Dùthaich | Ceudad de sgoilearan (%) | Obrachadh | Ceàrn |
---|---|---|---|
An Spàinn | 40 | \[\frac{{40}}{{100}} \times 360^\circ\] | \[144^\circ\] |
Ameireaga | 25 | \[\frac{{25}}{{100}} \times 360^\circ\] | \[90^\circ\] |
An Fhraing | 5 | \[\frac{{5}}{{100}} \times 360^\circ\] | \[18^\circ\] |
Alba | 20 | \[\frac{{20}}{{100}} \times 360^\circ\] | \[72^\circ\] |
A' Ghrèig | 10 | \[\frac{{10}}{{100}} \times 360^\circ\] | \[36^\circ\] |
Mar sin, seo mar a tha an clàr-cearcaill: