A' coimeas dàta

Tha fios againn gur e 11 àireamh chuibheasach nan tragan air clàran Chiarain. Chunnt Deepa cuideachd an àireamh thragan air na clàran aice agus dh'obraich i a-mach gur e 11 an àireamh chuibheasach cuideachd.

Seo toraidhean Deepa:

2, 20, 3, 17, 20, 4, 3, 16, 4 , 5, 19, 18 agus 12

Cho-dhùin i gun robh na toraidhean aice glè choltach ri toraidhean Chiarain. Ach cha robh sin ceart.

Seo toraidhean Chiarain:

10, 14, 10, 12, 11, 10, 11, 12, 10, 11, 9 agus 12.

'S e 5 an raon aige.

Ged a tha an aon àireamh chuibheasach aig Deepa agus aig Ciaran, tha na toraidhean aca glè dhiofraichte. Tha cuid dhe na toraidhean nas motha agus cuid nas lugha.

Tha an àireamh thragan air clàran Deepa eadar 2 agus 20.

An raon = 20 - 2 = 18

Mar sin, a bharrachd air cuibheas, gabhaidh tuilleadh fiosrachaidh a shealltainn le tomhas dhen sgapadh.