An raon sgapaidh

An raon

'S e an raon aon dòigh air tomhas a dhèanamh air dè cho sgapte 's a tha na h-àireamhan.

'S e an raon an diofar eadar na h-àireamhan as motha agus na h-àireamhan as lugha.

Seo toraidhean Chiarain a-rithist:

10, 14, 10, 12, 11, 10, 11, 12, 10, 11, 9 agus 12.

'S e 14 an àireamh as motha a th' aig Ciaran, agus 's e 9 an àireamh as lugha.

Mar sin, 's e an raon 14 - 9 = 5.

Gus an raon aig seata àireamhan a lorg, feumaidh tu:

  • an àireamh as lugha a lorg
  • an àireamh as motha a lorg
  • an àireamh as lugha a thoirt-air-falbh bhon àireamh as motha
  • fios a bhith agad gur e an raon a chanar ris an diofar eadar an àireamh as motha agus àireamh as lugha.
Question

Dè an raon aig an t-seata-àireamhan seo?

5, 8, 3, 6, 2, 8, 6, 9, 3

An àireamh as lugha = 2

An àireamh as motha = 9

An raon = 9 – 2 = 7