Ag obrachadh a-mach chuibheasan bho sheataichean-dàta

An cuibheas

Tha fios againn mar-thà mar a dh'obraicheas sinn a-mach an cuibheas bho chlàr-triceid. Bidh sinn ag obrachadh a-mach a' chuibheis airson seataichean-dàta ann an dòigh gu math coltach ris an dòigh sin.

Tha clàr-triceid nan seataichean-dàta a' sealltainn an àireamh chlàran a cheannaich cuid a dh'oileanaich an-uiridh.

Àireamh chlàranTricead
0 - 410
5 - 912
10 - 146
15 - 192

  • Tha fios againn gun do cheannaich 10 oileanaich 0, 1, 2, 3 no 4 clàran, ach chan eil fios againn cia mheud a cheannaich gach oileanach.
  • Ma chanas sinn gun do cheannaich gach oileanach 4 clàran, bidh e coltach gum bi an tuairmse againn dhen chuibheas ro mhòr.
  • Ma chanas sinn gun do cheannaich gach oileanach 0 clàran, bidh e coltach gum bi an tuairmse againn dhen chuibheas ro bheag.
  • Mar sin saoilidh sinn gum biodh e glic puing-mheadhain an t-seata a chleachdadh agus smaoineachadh gun do cheannaich gach oileanach 2 chlàr.

Le bhith a' lorg nam puingean-meadhain aig na seataichean eile, gheibh sinn:

Àireamh chlàranTriceadPuing-mheadhain xTricead puing-mheadhain x
0 - 410220
5 - 912784
10 - 1461272
15 - 1921734
Iomlan = 30Iomlan = 210

'S e an cuibheas \frac{{20 + 84 + 72 + 34}}{{10 + 12 + 6 + 2}} = \frac{{210}}{{30}} = 7

Cuimhnich: chan eil an seo ach tuairmse dhen chuibheas.

Am meadhan

'S e am meadhan an luach a tha sa mheadhan nuair a tha na luachan ann an òrdugh a rèir meud.

Seach gu bheil an dàta ann an seataichean, chan urrainn dhuinn luach mionaideach a lorg airson a' mheadhain, ach lorgaidh sinn an seata anns a bheil am meadhan.

Àireamh chlàranTricead
0 - 410
5 - 912
10 - 146
15 - 192

Tha 30 oileanach ann. Mar sin, tha sinn a' lorg an t-seata sa bheil an luach (30 + 1) \div 2 = 15\frac{1}{2}mh a tha letheach eadar an 15mh agus an 16th luach.

'S e 10 an tricead tionalach airson a' chiad sreath agus 22 airson an dara sreath.

Tha an dara sreath a' dol seachad air a' 15mh agus air an t-16mh luach. Mar sin feumaidh gu bheil am meadhan a-staigh an sin.

Tha am meadhan mar sin san raon 5-9.

(Tha mìneachadh air Tricead Tionalach mar-thà air duilleag san earrainn seo.)

Am mòd

'S e am mòd an luach as cumanta.

Ann an clàr-triceid le seataichean-dàta, ma lorgas sinn an seata leis an tricead as motha, cha dèan sinn nas fheàrr na sin.

Àireamh chlàranTricead
0-410
5-912
10-146
15-192

'S ann san t-seata 5-9 a tha am mòd.

Uaireannan, canar raon de raon-clas ri clàran-triceid de sheataichean-dàta.