Am mòd

'S e am mòd an àireamh as trice a bhios a' nochdadh ann an seata dàta. Faodaidh barrachd air aon mhòd a bhith ann.

Thoir sùil a-rithist air toraidhean Chiarain agus lorg am mòd:

10, 14, 10, 12, 11, 10, 11, 12, 10, 11, 9 agus 12.

Chì sinn gur e 10 an àireamh as trice a tha a' nochdadh. Mar sin 's e 10 am mòd.

Tha e fiù 's nas fhasa fhaicinn air clàr-triceid gur e 10 am mòd.

Àireamh thragan air clàranÀireamh chlàran
91
104
112
123
130
141