Am meadhan

Seo an àireamh sa mheadhan, mar a shaoileadh tu. Gus àireamh mheadhain seata àireamhan sam bith obrachadh a-mach, feumaidh tu na h-àireamhan a sgrìobhadh ann an òrdugh.

Gus an àireamh mheadhain a lorg:

  • cuir na h-àireamhan gu lèir ann an òrdugh àireamhach
  • ma tha àireamh nan toraidhean còrr, 's e an àireamh sa mheadhan am meadhan
  • ma tha àireamh nan toraidhean cothromach, bidh am meadhan letheach eadar an dà àireimh sa mheadhan

A' lorg a' mheadhain le àireamh chòrr de thoraidhean

Question

Lorg meadhan an t-seata àireamhan seo.

21, 23, 27, 19, 24, 22, 24

Cuir na h-àireamhan ann an òrdugh

19, 21, 22, 23, 24, 24, 27

Lorg an àireamh sa mheadhan

19, 21, 22, 23, 24, 24, 27

'S e 23 am meadhan

Question

Lorg meadhan an t-seata àireamhan seo.

4, 6, 8, 3, 8, 4, 7

Cuir na h-àireamhan ann an òrdugh.

3, 4, 4, 6, 7, 8, 8

('S e an ceathramh àireamh am meadhan)

'S e 6 am meadhan

A' lorg a' mheadhain le àireamh chothromach de thoraidhean

Gus meadhan nan àireamhan seo a lorg: 5, 11, 12, 4, 8, 21

Cuir na toraidhean ann an òrdugh: 4, 5, 8, 11, 12, 21

Lorg an dà àireimh sa mheadhan: 4, 5, 8, 11, 12, 21

Feumaidh sinn an luach a tha letheach eatarra a lorg.

Mar sin 's e am meadhan: (8+11)\div 2 = 9.5

Question

Lorg meadhan an t-seata àireamhan seo

16, 21, 13, 14, 18, 12, 20, 18, 21, 14

Cuir na h-àireamhan ann an òrdugh.

12, 13, 14, 14, 16, 18, 18, 20, 21, 21 (Tha am meadhan eadar an 5mh agus an 6mh àireamh.)

Tha am meadhan letheach eatarra 16 agus 18.

'S e 17 am meadhan.

A' lorg a' mheadhain bho chlàr-triceid

Seo toraidhean Chiarain ann an clàr-triceid.

Àireamh thragan air clàrTricead
91
104
113
123
130
141

Bhon chlàr, obraichidh sinn a-mach an àireamh iomlan de chlàran:

1 + 4 + 2 + 3 + 0 + 1 = 12 clàran

Bhon a tha na toraidhean ann an clàr, tha iad mar-thà ann an òrdugh dhuinn. Tha 12 toradh an seo. Tha am meadhan eadar an 6mh agus an 7mh toradh.

Bidh sinn a' coimhead air a' cholbh-triceid agus ag obrachadh a-mach cuin a tha an tricead tionalach a' dol seachad air an t-siathamh agus air an t-seachdamh toradh. (Tha mìneachadh air tricead tionalach air duilleag 2.)

'S e 1 an tricead tionalach aig a' chiad shreath.

'S e 5 an tricead tionalach aig an dàrna shreath.

'S e 8 an tricead tionalach aig an treas sreath.

Tha an treas sreath a' dol seachad air an 6mh agus air an 7mh toradh agus mar sin feumaidh gu bheil am meadhan a-staigh an sin.

'S e 11 tragan am meadhan.

San fharsaingeachd: ma tha n toradh ann, 's e an toradh (n+1)\div2 am meadhan.

Mar eisimpleir:

Airson 5 àireamhan, 's e (5 + 1) ÷ 2 = 3mh toradh agus sin am meadhan.

Airson 6 àireamhan, 's e (6 + 1) ÷ 2 = 3.5mh toradh agus sin am meadhan (eadar an 3mh agus an 4mh).

Question

Lorg àireamh-mheadhain nan tragan air clàran Sùsaidh

Àireamh thragan air clàranTricead
63
70
82
91
103
114
122

Tha 15 clàran aig Sùsaidh. Mar sin 's e am meadhan an 8mh toradh \div 2. (cuimhnich gum faod sinn (15 +1)\div 2) a chleachdadh.

Tha an tricead tionalach a' dol seachad air an 8mh clàr aig a' chòigeamh sreath.

'S e 10 am meadhan.

Nuair a bhios tu ag obrachadh a-mach a' mheadhain, cuimhnich seo:

  • Cuir na toraidhean ann an òrdugh àireamhach (bidh seo air a dhèanamh mar-thà ann an clàr-triceid)
  • Cunnt àireamh iomlan nan toraidhean agus cuir-ris aon
  • Roinn seo le 2 gus suidheachadh an toraidh mheadhain a lorg
  • Lorg an toradh meadhain san liosta ann an òrdugh àireamhach no sa chlàr-triceid
  • Bidh an uair sin meadhan an t-seata thoraidhean agad.