Cuibheasan

Gus co-dhùnaidhean a dhèanamh bho dhàta, tha e feumail cuibheasan obrachadh a-mach.

Tha cuibheas a' sealltainn luach meadhain seata dàta agus 's iad na prìomh sheòrsachan cuibheas, meadhan agus mòd.

Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh bhon dàta le bhith a' toirt tomhas air an sgapadh.

Ag obrachadh a-mach chuibheasan (cuibheas, meadhan agus mòd)

Feumaidh Ciaran an àireamh thragan air gach clàr ciùil a th' aige a sgrìobhadh mar phàirt de phròiseact sgoile. Seo na toraidhean aige:

10, 14, 10, 12, 11, 10, 11, 12, 10, 11, 9 agus 12.

An cuibheas

'S e am meadhan an dòigh as cumanta air cuibheas a thomhas. Ma dh'iarras tu air cuideigin cuibheas obrachadh a-mach, seo an dòigh as trice a chleachdas iad.

B' e toraidhean Chiarain:

10, 14, 10, 12, 11, 10, 11, 12, 10, 11, 9 agus 12.

Gus am meadhan obrachadh a-mach, cuir-ris na h-àireamhan agus roinn leis an àireimh de dh'àireamhan a th' ann.

San eisimpleir seo 's e am meadhan:

\frac{{10 + 14 + 10 + 12 + 11 + 10 + 11 + 12 + 10 + 11 + 9 + 2}}{{11}} = \frac{{132}}{{11}} = 11

Question

Cheannaich saor 7 pacaidean thàirngean. B' e an àireamh thàirngean anns gach pacaid:

8, 7, 6, 7, 9, 8, 7

Obraich a-mach àireamh mheadhain nan tàirngean anns gach pacaid. (Thoir do fhreagairt gu 2 ionad deicheach)

Àireamh iomlan thàirngean = 8 + 7 + 6 + 7 + 9 + 8 + 7 = 52

Àireamh phacaidean = 7

Meadhan = \frac{52}{7}= 7.43

A' lorg a' chuibheis bho chlàr-tricead

Ma chuireas tu toraidhean (dàta) Chiarain ann an clàr-triceid, seo mar a bhios e.

Àireamh thragan air clàrÀireamh chlàir (Tricead)
91
104
113
123
130
141

Dh'fhaodamaid cuibheas nan toraidhean aige a lorg san dòigh seo.

Àireamh thragan air clàrTriceadTragan x Tricead
919
10440
11333
12336
1300
14114
Iomlan = 12Iomlan = 132

Nuair a roinneas sinn an dà shùim iomlan mar seo:

Cuibheas = \frac{132}{12} = 11 trag.