Cleachdaidh sinn grafaichean is clàran gus òrdugh a chur air dàta. Faodar staitistearachd a chleachdadh gus anailis a dhèanamh air dàta amh, no dàta air a chur còmhla gus cuibheasan obrachadh a-mach.
Gheibh thu an tricead tionalach le bhith a' cur-ris nan triceadan fhad 's a bhios tu a' dol air adhart. Bheir sin dhut 'iomlan ruitheach'.
Tha na faidean (ann an cm) aig 32 cularain sa chlàr gu h-ìosal.
Gus na triceadan tionalach obrachadh a-mach, bidh sinn dìreach a' cur-ris nan triceadan, fear mu seach, mar a bhios sinn a' dol sìos tro na luachan sa chlàr.
Faid | Tricead | Tricead tionalach |
---|---|---|
21 - 24 | 3 | 3 |
25 - 28 | 7 | 10 (= 3 + 7) |
29 - 32 | 12 | 22 (= 3 + 7 + 12) |
33 - 36 | 6 | 28 (= 3 + 7 + 12 + 6) |
37 - 40 | 4 | 32 (= 3 + 7 + 12 + 6 + 4) |