Coltachd buil

Eisimpleir

Tha dà shnìomhair chothromach agad.

Tha aon àireamh air gach taobh dhen fhear thriantanach: 1, 2 agus 3.

Tha aon àireamh cuideachd air gach taobh dhen fhear cheàrnagach: 0, 1, 2 agus 3.

Two fair spinners labelled (1-3) and (0-3) point to 2 and 1 respectively

Bidh sùim an dà àireamh air an stad spògan nan snìomhairean a' toirt dhut an sgòr iomlain.

Dèan nota, gu co-chothromach, dhen h-uile buil a tha comasach dhan dà shnìomhaire. Bidh e feumail dhut clàr thoraidhean mar seo a chleachdadh.

Snìomhair triantanachSnìomhair ceàrnagachSgòr iomlan
101
112
123
134
202
213
224
235
303
314
325
336

Cleachd an clàr agus freagair na ceistean seo.

Question

Cia mheud buil a tha comasach uile-gu-lèir?

Tha 12 buil comasach uile-gu-lèir.

Chan fheum thu ach an àireamh shreathan sa chlàr a chunntadh.

Question

Cia mheud buil a bheir sgòr iomlan de 2?

Cha toir ach 2 bhuil sgòr iomlan de 2.

'S iad sin 1 + 1 agus 2 + 0.

Question

Dè a' choltachd a th' ann gum faigh thu sgòr iomlan de 2?

Tha an àireamh bhuilean a bheir dhut sgòr iomlan de 2 thairis air na builean a tha comasach = \frac{2}{{12}}\,no\,\frac{1}{6}.

Question

Cia mheud buil a bheir sgòr iomlan de 4?

Tha 3 builean a' toirt sgòr iomlan de 4.

Question

Dè a' choltachd a th' ann gum faigh thu sgòr iomlan de 4?

Tha an àireamh bhuilean a bheir dhut sgòr iomlan de 4 thairis air na builean a tha comasach = \frac{3}{{12}}\,no\,\frac{1}{4}.

Move on to Test
next