Coltachd

Le coltachd, bidh sinn a' tomhas dè cho coltach 's a tha e gun tachair rudeigin – mar eisimpleir, nuair a shadas tu dìsinn no bonn airgid.

Bidh sinn tric a' cleachdadh fhaclan airson innse dè cho coltach 's a tha e gun tachair rudeigin.

Mar eisimpleir, 's dòcha gun can sinn gu bheil e coltach gum bi i grianach a-màireach, no nach eil e glè choltach gum bi sneachd againn san Lùnastal.

Coimhead air na seantansan gu h-ìosal agus smaoinich a bheil gach nì:

  • cinnteach
  • coltach
  • cothromach (chan eil e coltach no neo-choltach)
  • neo-choltach
  • do-dhèante

Question
  1. Ma cheannaicheas tu tiogaid crannchuir, gheibh thu an duais as motha
  2. Ma thilgeas tu bonn airgid, gheibh thu an ceann
  3. Bidh an Nollaig ann air 25 Dùbhlachd am-bliadhna
  4. Fàsaidh sròn eile ort
  5. Bidh an t-uisge ann sa chiad sheachdain dhen Dùbhlachd.
  1. Ma cheannaicheas tu tiogaid crannchuir, gheibh thu an duais as motha - Neo-choltach
  2. Ma thilgeas tu bonn airgid, gheibh thu an ceann - Teansa chothromach
  3. Bidh an Nollaig ann air 25 Dùbhlachd am-bliadhna - Cinnteach
  4. Fàsaidh sròn eile ort - Do-dhèante
  5. Bidh an t-uisge ann sa chiad sheachdain dhen Dùbhlachd - Coltach.

Ach 's dòcha nach bi faclan mar 'cinnteach', 'coltach', agus eile, a' ciallachadh an aon rud dhan h-uile duine.

Feumaidh sinn a bhith nas mionaidiche mu dheidhinn dè cho coltach 's a tha e gun tachair rudeigin (a' bhuil).

Faodaidh luach eadar 0 (do-dhèante) agus 1 (cinnteach) a bhith aig a' choltachd aig buil.

Faodar a sgrìobhadh mar bhloigh, mar bhloigh dheicheach no mar cheudad.

Obraichidh sinn a-mach luach airson na coltachd leis an fhoirmle:

\text{Coltachd buil =} \frac{{\text{gach dòigh sam faodadh buil tachairt}}}{{\text{àireamh iomlan de bhuilean comasach}}}

Tha eisimpleirean de thachartasan sa chlàr gu h-ìosal agus mar a ghabhas a' choltachd aca obrachadh a-mach.

TachartasBuilDòighean air a' bhuil seo fhaighinnÀireamh iomlan de bhuilean comasachColtachd na buil
A' sadail dìsinn chothromach, le 6 taobhanGum faigh thu àireamh chòrr36 \frac{3}{6} = \frac{1}{2}
A' sadail bonn airgid cothromachGum faigh thu 'earball'12 50\%
A' taghadh cairt-chluiche à pac gun choimheadGum faigh thu spaidean1352 \frac{13}{52} = \frac{1}{4}
A' taghadh cairt-chluiche à pac gun choimheadGur e 'deich' a bhios sa chairt452 \frac{4}{52} = \frac{1}{13}
A' sadail dìsinn chothromach, le 6 taobhanGum faigh thu àireamh nas lugha na 546 \frac{4}{6} = \frac{2}{3}