Staitistearachd

Bidh clàr-triceid gar cuideachadh a' cur rian agus òrdugh air dàta. Bidh sinn tric a' cleachdadh shràcan cunntaidh gus ar cuideachadh le bhith a' dèanamh chlàran-triceid.

Eisimpleir

Rinn tidsear sgrùdadh air meud bhrògan ann an clas ÀS1. Tha an toradh gu h-ìosal:

9, 8, 7, 8, 9

9, 8, 7, 5, 10

8, 8, 6, 6, 10

5, 8, 6, 6, 10

5, 8, 9, 9, 10

10, 8, 5, 7, 6

9, 8, 5, 4, 9

Cuir an dàta ann an clàr-triceid gus am faic sinn sa bhad cia mheud a bh' ann de gach meud.

MeudSràcanTricead
4\[1\]1
5\[4\]4
6\[3\]3
7\[3\]3
8\[8\]8
9\[7\]7
10\[4\]4

A' dèanamh clàr-triceid airson seataichean dàta

Seo an dàta airson aoisean an luchd-ceannach sa Chafaidh Bitesize.

Aoisean luchd-ceannach taobh a-staigh uair a thìde25, 29, 45, 19, 36, 17, 60, 51, 39, 24, 15, 13, 31, 18, 24, 32, 37, 27, 23, 53, 41, 34, 29, 28, 52, 17, 55, 47, 34, 28, 22, 20, 64, 39, 38, 33, 24, 16, 27, 19, 26, 27, 25, 32, 26, 48, 54, 35

Dh'fhaodamaid an dàta seo a shealltainn ann an clàr le aon àireamh anns gach sreath, ach bhiodh an t-uabhas shreathan ann!

Le bhith a' cur nan aoisean còmhla, cha bhi uimhir de raointean ann.

Seo an aon sheata dàta a rèir raointean:

AoisÀireamh dhaoine
11 - 209
21 - 3016
31 - 4012
41 - 504
51 - 606
61 - 701

Nuair a bhios tu a' taghadh raointean airson nan seataichean dàta, feuch gun na raointean a dhèanamh ro mhòr no ro bheag.

Dh'fhaodadh tu na raointean gu h-àrd a chleachdadh gus clàr-triceid a dhèanamh.

Frequency bar chart showing number of people by age

Question

Tha an dàta seo a' sealltainn na h-ùine a thug daoine a' lìonadh foirm, chun na mionaid as fhaisge.

Ùine (mionaidean)23,17,15,29,22,21,20,12,19,28,18,18,22,31,13,24,23,18,17,26, 25,16,24,18,16,22,33,17,24,18

Dèan clàr-triceid leis an dàta seo.

Tha am freagairt gu h-ìosal a' tòiseachadh le 11-15, 16-20, msaa.

(Tha taghadh a' bheàirn uaireannan an urra riut fhèin)

Ùine (mionaidean)Àireamh dhaoine
11-153
16-2012
21-2510
26-303
31-352