An co-aontar

San earrainn seo, bidh gach obrachadh a' cleachdadh a' cho-aontair airson astar, luaths agus ùine.

Tha e furasta na co-aontaran airson astar, luthas agus ùine a chuimhneachadh ma chuireas tu na litrichean aca ann an triantan.

3 triangles to illustrate the speed, distance, time equations

Cuidichidh na triantain thu gus cuimhneachadh air na 3 riaghailtean seo:

\text{Astar = Luaths \times Ùine}

\text{Ùine} = \frac{{\text{Astar}}}{{\text{Luaths}}}

\text{Luaths} = \frac{{\text{Astar}}}{{\text{Ùine}}}

Tha eisimpleirean air an ath dhuilleig a dh'fhaodas tu fheuchainn.

Faigh peann is pàipear, tarraing an triantan airson astar, luaths agus ùine air pàipear, agus an uair sin feuch na ceistean.