Dòighean roinnidh

Tha iomadh dòigh-obrach ann nuair a bhios sinn a' roinn le àireamh shlàn aon-fhigear. 'S e dà dhòigh chumanta:

  • a' cleachdadh fhactaran
  • an dòigh choitcheann

A' cleachdadh fhactaran

Roinn 1920 le 8 - (1920 \div 8)

2 \times 2 \times 2 = 8. Mar sin gus 1920 a roinn le 8 faodaidh sinn roinn le 2 ann an trì ceumannan:

1920 \div 2 = 960

960 \div 2 = 480

480 \div 2 = 240

Mar sin 1920 \div 8 = 240

Feuch a-nis a' cheist gu h-ìosal.

Question

Roinn 348 le 6 - (348 \div 6)

2 \times 3 = 6 mar sin gus 348 a roinn le 6 faodaidh sinn roinn le 2 agus cuideachd le 3:

348 \div 2 = 174

174 \div 3 = 58

Mar sin 348 \div 6 = 58