Figearan co-choltach

Coimhead air na figearan co-choltach seo:

Diagram of 2 shapes of the same proportions but different sizes

Tha B na mheudachadh de A. Tha na faidean air an dùblachadh, ach dh'fhuirich na ceàrnan mar a bha iad.

Cuimhnich: Ann am paidhir sam bith de dh'fhigearan co-choltach, tha taobhan co-fhreagarrach san aon cho-mheas agus tha ceàrnan co-fhreagarrach co-ionann.

Factar-sgèile loidhneach

Tha meud meudachaidh/lùghdachaidh air a mhìneachadh leis an fhactar sgèile aige.

Mar eisimpleir, tha factar sgèile a' ciallachadh gu bheil meud a' chumaidh ùir a dhà uiread ri meud a' chumaidh a bh' ann bho thùs. Tha factar sgèile de 3 a' ciallachadh gu bheil meud a' chumaidh ùir a thrì uiread ri meud a' chumaidh a bh' ann bho thùs.

Gus am factar sgèile obrachadh a-mach, bidh sinn a' cleachdadh na leanas:

F{S_{\text{Meudachaidh}}} = \frac{{\text{Mòr}}}{{\text{Beag}}}

F{S_{\text{Lùghdachaidh}}} = \frac{{\text{Beag}}}{{\text{Mòr}}}

Gheibh thu am 'mòr' agus am 'beag' bho na taobhan co-fhreagarrach air na figearan.

Eisimpleir

Tha na ceart-cheàrnaich pqrs agus PQRS co-choltach. Dè an fhaid a th' ann am PS?

Two rectangles, one measuring 4cm x 9cm, the other with a height of 7cm and unknown length

Freagairt

Tha PS air a' cheart-cheàrnach as motha, agus mar sin bidh sinn ag obrachadh a-mach factar sgèile meudachaidh an toiseach.

F{S_{\text{Meudachaidh}}} = \frac{{\text{Mòr}}}{{\text{Beag}}} = \frac{7}{4}

Mar sin tha an ceart-cheàrnach \frac{7}{4} turas nas motha na an ceart-cheàrnach pqrs.

Mar sin, PS = \frac{7}{4} \times 9 = 15.75\,cm

(Faodaidh tu 7 ÷ 4 × 9 a thaidhpeadh san àireamhair agad)

Question

'S e cumaidhean co-choltach a th' ann an wxyz agus WXYZ. Dè an fhaid a th' ann an XY?

Two similar shapes, one 8cm x 4cm with an x angle of 57°, the other with a height of 9cm

Tha XY air a' chumadh as motha, agus mar sin bidh sinn ag obrachadh a-mach an fhactar-sgèile meudachaidh.

F{S_{\text{Meudachaidh}}} = \frac{{\text{Mòr}}}{{\text{Beag}}} = \frac{9}{8}

Mar sin tha am figear WXYZ \frac{9}{8} turas nas motha na am figear wxyz.

Mar sin, XY = \frac{9}{8} \times 4 = 4.5\,cm

Question

Dè am meud a tha sa cheàrn WXY?

Two similar shapes, one 8cm x 4cm with an x angle of 57°, the other with a height of 9cm

Cuimhnich gum bi na ceàrnan ann an cumaidhean co-choltach a' fuireach mar a tha iad, agus mar sin tha WXY 57°.

Question

Tha 8 cm agus 6 cm ann an taobhan ceart-cheàrnaich.

Ma thèid an ceart-cheàrnach a mheudachadh le factar sgèile \frac{3}{2} dè an fhaid ùr a bhios sna taobhan?

Rectangle 8 x 6 cm

\frac{3}{2} \times 8 = 12\,cm

\frac{3}{2} \times 6 = 9\,cm

Bidh 12 cm agus 9 cm sna faidean ùra.

Question

Tha 20 cm agus 28 cm ann an taobhan ceart-cheàrnaich.

Ma thèid an ceart-cheàrnach a mheudachadh le factar sgèile \frac{3}{4} dè an fhaid ùr a bhios sna taobhan?

Rectangle 28 x 20 cm

\frac{3}{4} \times 20 = 15\,cm

\frac{3}{4} \times 28 = 21\,cm

Bidh 15 cm agus 21 cm sna faidean ùra.

Move on to Test
next