Deireadh a' Chogaidh Fhuair - Glastnost agus Perestroika

Ann an 1985 thàinig Mikhail Gorbachev gu bhith na cheannard air an USSR. Thuig e nach b' urrainn dhan USSR a bhith ann an co-fharpais tuilleadh ris na SA ann an rèis nam ball-airm, ma bha an eaconamaidh Shòbhieteach agus comannachd a' dol a mhaireachdainn.

Duilgheadasan nan Sòbhieteach

An eaconamaidh Shòbhieteach

Bha Gorbachev airson an USSR ath-nuadhachadh. Dh'fheumadh e na cosgaisean a bha an cois rèis nam ball-airm a lùghdachadh agus bha feum air càirdeas nas fheàrr eadar an Ruis agus Ameireaga. Bha inbhe dòigh-beatha san USSR a' tuiteam, ach bha e a' dol suas anns na dùthchannan an iar.

Dealas a thaobh comannachd nas fharsainge

Bha e doirbh dhan USSR coinneachadh ris na cosgaisean ann an Afganastan, a bharrachd air a bhith a' cumail fheachdan san Roinn Eòrpa an Ear agus a' toirt taic do riaghaltasan comannach leithid Chuba.

An aghaidh Comannachd

Bha mòran dhùthchannan san Roinn Eòrpa an Ear airson a bhith saor bhon USSR.

Poileasaidhean Gorbachev

Stèidhich Gorbachev poileasaidhean Glasnost agus Perestroika airson feuchainn ri toirt air comannachd obrachadh san USSR.

Glasnost agus Perestroika

Glasnost

A' feuchainn ri bhith nas 'fhosgailte' ann a bhith a' dèiligeadh ris an Iar. Bha Gorbachev a' brosnachadh barrachd saorsa cainnte - bha e airson gun cuireadh luchd-poilitigs comannach às do choirbeachd.

Perestroika

A' feuchainn ris an stàit Shòbhieteach ath-nuadhachadh agus 'ath-thogail'. Thuig Gorbachev gum feumadh na bha ga chosg air armailteachd a lùghdachadh. Bha aithisgean an riaghaltais cuideachd air innse dha gun robh feum air barrachd ghnìomhachasan beaga ma bha an eaconamaidh a' dol a mhaireachdainn.

An Ruis a' dol an lùib an Iar a-rithist