Co-obrachadh eadar na mòr-chumhachdan aig àm an détente

Bha cuid mhath de cho-obrachadh agus de dheòin-bhàidh eadar na mòr-chumhachdan aig àm an détente.

1972 - Thadhail an Ceann-suidhe Nixon air Moscow

B' e seo a' chiad turas a bha Ceann-suidhe às na SA san USSR bho 1945.

1973 - Thadhail Brezhnev air Washington

Chuir iad cuideam air cho deònach 's a bha an dà thaobh obrachadh còmhla.

1974 - Thadhail an Ceann-suidhe Nixon air Moscow

Cha do thachair càil, ach nochd iad gun robh iad fhathast taiceil.

1975 - Pròiseact Deuchainn Apollo-Soyuz

Co-itealadh dhan fhànas le speuradairean Sòbhieteach agus Ameireaganach.

Speuradairean a' beireachdainn air làimh air a chèile san fhànas
Speuradairean Sòbhieteach agus Ameireaganach a' beireachdainn air làimh air a chèile san fhànas rè Pròiseact Deuchainn Apollo-Soyuz

Carson a chrìochnaich détente?

Na Sòbhietich a' toirt ionnsaigh air Afganastan (1979)

An Ceann-suidhe Ronald Reagan
An Ceann-suidhe Ronald Reagan

Bhris sin na h-aontan a bh' ann air leudachadh comannach.

Ronald Reagan ga thaghadh mar Cheann-suidhe nan SA

Cha robh earbsa aig Reagan ann am Brezhnev. Bha e airson cumhachd nan SA a chur am meud agus bha e airson gur i an dùthaich bu làidire a bhiodh air an t-saoghal.

Ann an 1983, rinn Reagan òraid san tuirt e gur e "ìmpireachd olc" a bha san USSR. Cha deach na SA gu na h-Oilimpigs ann am Moscow ann an 1980.

Rèis nam ball-airm

Ann an 1979, chuir NATO urchraichean fad-astarach dhan Roinn Eòrpa, a' bagairt air an USSR.