Question

Tha pìos fearainn air chruth ceart-cheàrnaich aig tuathanach, agus tha e airson dà phàirc thriantanach a dhèanamh dhen fhearann.

43.2 m by 21.6 m rectangle with dotted line splitting into two similarly sized triangles

Obraich a-mach faid na feansa a dh'fheumas e.

Cleachd Teoram Phythagoras agus obraich a-mach faid an trastain.

\[d^{2}=43.2^{2}+21.6^{2}\]

\[=1866.42\,\,+\,466.56 \]

\[=2332.8 \]

\[d=\sqrt{2332.8}=48.3\,m\]

Faid na feansa \(=43.2\,+\,21.6\,+\,43.2\,+\,21.6\,+\,48.3=177.9\,m\)

Question

Tha tar-dhealbh togalaich ann an cumadh ceangailte de cheàrnag agus de thriantan ceart-cheàrnach mar a chì thu gu h-ìosal.

Tha am balla-aghaidh \(8\,m\) a dh'àirde agus tha am balla-cùil \(11.2\,m\) a dh'àirde.

Tha mullach an togalaich ag aomadh.

A building has an 8m wall, an 11.2m wall and roof d

Obraich a-mach an fhaid (\(d\)) aig a' mhullach aomaichte.

'S e a' hypotenuse aig triantan ceart-cheàrnach a tha sa mhullach.

Seach gur e ceàrnag a tha sa phàirt as ìsle dhen togalach, tuigidh sinn gu bheil tomhasan an triantain mar a chì sinn:

Right angled triangle d, 8 m and 3.2 m

\[ d^{2}=8^{2}+3.2^{2} \]

\[ =64\,+10.24 \]

\[ =74.24 \]

\[ d=\sqrt{74.24}=8.62\,m\]

Move on to Test
next