Comannachd a' tuiteam às a chèile

Thòisich an Cogadh Fuar oir bha siostaman glè eadar-dhealaichte, comannachd agus calpachas, aig an dà thaobh. Bha na poileasaidhean Glasnost agus Perestroika aig Gorbachev ag atharrachadh sin.

Bhrosnaich Glasnost muinntir na Roinn Eòrpa an Ear gu bhith a' bruidhinn a-mach an aghaidh comannachd sna 1980an agus chuir am Bloc an Ear às dha na riaghaltasan comannach aca. Cha do rinn an USSR càil.

Ann an 1989, b' urrainn Gorbachev agus Ceann-suidhe ùr nan SA, George Bush, a ràdh gun robh an Cogadh Fuar seachad.

Comannachd a' tuiteam às a chèile san Roinn Eòrpa an Ear

Move on to Test
next