Deireadh a' Chogaidh Fhuair - Glastnost agus Perestroika

Ged a chaidh an càirdeas eadar an dà dhùthaich bhuaithe an dèidh do Reagan cumhachd fhaighinn, thuig luchd-poilitigs san USSR ann am meadhan nan 1980an gun robh feum air atharrachadh. Ann an 1985 thàinig Mikhail Gorbachev gu bhith na cheannard air an USSR. Thuig e nach b' urrainn dhan USSR a bhith ann an co-fharpais tuilleadh ris na SA ann an rèis nam ball-airm, ma bha an eaconamaidh Shòbhieteach agus comannachd a' dol a mhaireachdainn.

Duilgheadasan nan Sòbhieteach

An eaconamaidh Shòbhieteach

Ceannard nan Sòbhieteach, Mikhail Gorbachev
Ceannard nan Sòbhieteach, Mikhail Gorbachev

Bha Gorbachev airson an USSR ath-nuadhachadh agus bha e ag iarraidh càirdeas nas fheàrr eadar an Ruis agus Ameireaga. Thuig e nach b' urrainn dha na Sòbhietich tuilleadh a bhith ann an co-fharpais ris na SA ann an rèis nam ball-airm ma bha an Ruis gu bhith air a h-ath-nuadhachadh.

Bha eaconamaidh na Ruis ann an duilgheadas mòr agus cha b' urrainn dhaibh gealltanas a thoirt airson na cosgais a bha an cois rèis nam ball-airm a chumail a' dol. Bha inbhe dòigh-beatha san USSR a' tuiteam, ach bha e a' dol suas anns na dùthchannan an iar.

Bha Gorbachev dhen bheachd gum biodh Ameireaga toilichte crìoch a chur air rèis nam ball-airm – bha iadsan cuideachd airson a' chosgais air armailteachd a lùghdachadh. Bha fiachan mòra, mòra air Ameireaga agus bha Reagan airson cìsean a ghearradh.

Dealas a thaobh comannachd nas fharsainge

Bha e doirbh dhan USSR coinneachadh ris na cosgaisean ann an Afganastan, a bharrachd air a bhith a' cumail fheachdan san Roinn Eòrpa an Ear agus a' toirt taic do riaghaltasan comannach leithid Chuba.

An aghaidh Comannachd

Bha barrachd is barrachd a' dol an aghaidh phoileasaidhean Sòbhieteach ann an stàitean eile san Roinn Eòrpa an Ear a bha fo bhuaidh na Ruis, agus bha mì-thoileachas taobh a-staigh an USSR am measg chaitheadairean agus mion-bhuidhnean nàiseanta. Bha gluasad poilitigeach sa Phòlainn air an robh Solidarity agus bha iad airson crìoch a chur air smachd nan Sòbhieteach air an dùthaich aca.

Stèidhich Gorbachev poileasaidhean Glasnost agus Perestroika airson feuchainn ri toirt air comannachd obrachadh san USSR.

Glasnost agus Perestroika

Glasnost

A' feuchainn ri bhith nas 'fhosgailte' ann a bhith a' dèiligeadh ris an Iar. Bha Gorbachev a' brosnachadh dhaoine gu bhith nas onaraiche nuair a bhiodh iad a' bruidhinn air poilitigs. Bha e a' brosnachadh barrachd saorsa cainnte. Bha e airson gum biodh luchd-poilitigs comannach ag èisteachd ri càineadh, a' feuchainn ri atharrachaidhean a dhèanamh agus a' cur às do choirbeachd.

Perestroika

A' feuchainn ris an stàit Shòbhieteach ath-nuadhachadh agus 'ath-thogail'. Thuig Gorbachev gum feumadh na bha ga chosg air armailteachd a lùghdachadh. Bha aithisgean an riaghaltais cuideachd air innse dha gun robh feum air barrachd ghnìomhachasan beaga ma bha an eaconamaidh a' dol a mhaireachdainn.

An Ruis a' dol an lùib an Iar a-rithist