Oidhirpean air détente

A' feuchainn ri leudachadh bhall-airm niùclasach a chuingealachadh

Nuair a bhios buill-airm niùclasach a' dol am meud, bidh barrachd bhall-airm niùclasach aig dùthaich, no bidh comasan niùclasach a' sgaoileadh gu dùthchannan gun bhall-airm niùclasach.

Bha eagal ann gum faigheadh riaghaltasan 'cronail' grèim air buill-airm niùclasach agus bhiodh buaidh uabhasach aig an sin air a h-uile duine. Bha gach taobh gam faicinn fhèin 'ciallach' ach mar bu mhotha a dhùthchannan le comas niùclasach 's ann bu lugha a bha de smachd aig na mòr-chumhachdan air cùisean. Chaidh corra aonta phoilitigeach a dhèanamh aig àm an détente.

1963 - Cùmhnant Casg Dheuchainnean Niùclasach

  • Air a shoidhnigeadh leis an USSR, na SA agus an RA.
  • Chaidh deuchainnean air buill-airm niùclasach a chasg air an talamh agus san àile.
  • Cha deach deuchainnean fon talamh a chasg.

1967 - Cùmhnant Fànais

  • Air a shoidhnigeadh leis an USSR, na SA agus an RA.
  • Chaidh deuchainnean air buill-airm niùclasach a chasg air a' ghealaich agus anns an fhànas.
  • Bha sìth ri bhith anns an fhànas agus dh'fhaodadh a h-uile dùthaich rannsachadh a dhèanamh ann.

1968 - Cùmhnant Neo-leudachaidh Niùclasach

  • Aonta eadar gach dùthaich a shoidhnig e stad, no cuingealachadh a chur air comas niùclasach bho sgaoileadh a dhùthchannan aig nach robh comas niùclasach.
  • B' e na còig dùthchannan niùclasach a bha aithnichte na SA, an USSR, an RA, Sìona agus an Fhraing.

1971 - Cùmhnant Grunnd na Mara

  • Air a shoidhnigeadh leis an USSR, na SA agus an RA.
  • Chaidh casg a chur air buill-airm niùclasach an àite sam bith air grunnd na mara.

1972 - SALT I

  • Air a shoidhnigeadh le Nixon agus Brezhnev ann an 1972.
  • B' e seo a' chiad aonta fon do chuingealaich an dà mhòr-chumhachd an àireamh de bhuill-airm niùclasach a dh'fhaodaist a thoirt gu bith.
  • Ach bha an àireamh fhathast a' dol am meud oir bha an àireamh cuingealachaidh cho mòr, agus cha robh smachd gu bhith ach air seòrsachan àraidh de bhuill-airm.

1975 - Aonta Helsinki

Trì 'basgaidean' aonta:

  • Dh'aontaich an dà thaobh crìochan dhùthchannan Eòrpach aithneachadh.
  • Dh'aontaich an dà thaobh spèis a thoirt do chòraichean daonna agus do shaorsa nan dùthchannan fhèin.
  • Dh'aontaich an dà thaobh cuideachadh a thoirt dha chèile a thaobh na h-eaconamaidh agus teicneòlas.

1979 - SALT II

  • Bha aonta ann mu dheidhinn a bhith a' cuingealachadh dèanamh bhall-airm fad-astarach.
  • Ach cha robh na h-aontan sin gu mòran feum. Thug an t-Aonadh Sòbhieteach ionnsaigh air Afganastan ann an 1979 agus thòisich an Cogadh Fuar a' beothachadh a-rithist.