Na mòr-chumhachdan

Tro na 1960an agus na 1970an, dh'fheuch an dà thaobh ri lùghdachadh a thoirt san t-suidheachadh theann a bha eatarra. Canar Linn an Détente ris an àm sin. Ged a bha dìth earbsa agus amharas fhathast ann, thòisich co-obrachadh agus aonta eadar an dà thaobh aig an àm.

Bha corra adhbhar ann airson atharrachadh tighinn sna dàimhean eadar na mòr-chumhachdan:

  • Air sgàth Cùis-èiginn Urchraichean Chuba (1962), thuig an dà thaobh cho cunnartach 's a bha e dhaibh gun a bhith a' co-obrachadh. Bha e follaiseach dhan t-saoghal cho furasta 's a dh'fhaodadh cogadh niùclasach tòiseachadh, fiù 's air sgàth còmhstri ann an dùthchannan beaga.
  • Bha na SA an sàs ann an Cogadh Bhietnam agus cha b' urrainn dhaibh saighdearan no airgead a chur gu raointean eile. 'S dòcha gun cuidicheadh détente Ameireaga gus dòigh a lorg a-mach às a' chogadh.
  • Bha mòran eas-aonta eadar an USSR agus Sìona ged a bha iad le chèile nan dùthchannan comannach. Bha an USSR a' coimhead air Sìona mar chunnart agus bha i airson a bhith na bu chàirdeile ris na SA.
  • Bha détente na chothrom propaganda dhan dà thaobh. Dh'fhaodadh iad iad fhèin a shealltainn mar luchd-dèanaimh na sìthe air an robh uallach mu shàbhailteachd an t-saoghail.
  • Chuidich détente na mòr-chumhachdan gu bhith a' caomhnadh airgead oir dh'fhaodadh iad na bha iad a' cosg air rèis nam ball-airm a lùghdachadh agus cuideam a chur air duilgheadasan sna dùthchannan aca fhèin. Bha duilgheadas sna SA le atmhorachd, agus mar thoradh air cho mì-thoilichte 's a bha daoine mu Chogadh Bhietnam agus leis an taic a bha e a' call, cha deach aig a' Cheann-suidhe air leasachaidhean a chur an gnìomh gus daoine bochda a chuideachadh. Bha muinntir an USSR a' fulang air sgàth biadh a bhith gann agus air sgàth droch thaigheadas.